Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne Aiginis
EXTERNAL ID
PC_MACLEAN_HARRIS&LEWIS09_16
ÀITE
Aiginis
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Steòrnabhagh
DEIT
7 Iuchar 2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Clare Maclean
AITHNEACHADH MAOINE
29237
KEYWORDS
cairn
carraighean-cuimhne
clachan-cuimhne
gabhail fearainn
aimhreit fearainn
croitearan
Aignish Memorial

Chaidh Càrn Aiginis a dhealbhachadh le Will Mac'Illeathan ag obair còmhla ri Jim Crawford, clachair, agus John Norgrove, ailtire. 'S e aon de thrì carraighean-cuimhne ann an Leòdhas a th'ann a' cuimhneachadh air strì nan croitearan airson ath-leasachadh lagh fearainn.

Air Latha na Nollaig 1887, choinnich croitearan An Rubha agus cho-dhùin iad gun toireadh iad dà sheachdain dhan tuathanach ann an Aiginis airson an tuathanas fhàgail mus ruaigeadh iad an crodh far an tuathanais agus gum faigheadh iad am fearann airson an croitean. Nuair a thug iad ionnsaigh air an tuathanas air 9 Am Faoilleaach 1888 bha saighdearan-mara agus poilis a' feitheamh riutha. Thòisich sabaid agus leugh an Siorram Friseal Achd na h-Ùpraid. Nuair a thàinig companaidh de na h-Albannaich Rìoghail stad an aimhreit. Chaidh trì duine deug a chur an grèim agus nochd iad sa chùirt ann an Dùn Eideann. Chaidh am faighinn ciontach de bhith ag adhbhrachadh aimhreit agus chaidh binn prìosain eadar sia mìosan agus còig mìosan deug a thoirt dhaibh.

Cha b' ann gu 1905 a chaidh Tuathanas Aiginis a bhriseadh suas mu dheireadh gu h-oifigeil, airson croitean a dhèanamh.

Dealbhachadh

An carragh-cuimhne: Tha an dealbhadh a' sealltainn smuain de dhaoine an aghaidh a chèile le dà charragh de chlach na sgìre mu 4.5 meatair a dh'àirde, gach carragh le aodann còmhnard agus creagan biorach a' putadh a-mach às. Tha druim chrùbach agus mullach a tha a' dol nas caoile aig gach carragh. Tha na clachan biorach a' coimhead a chèile a' sealltainn ionnsaigheachd agus aimhreit an tachartais.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne Aiginis

ROS: Steòrnabhagh

2000an

cairn; carraighean-cuimhne; clachan-cuimhne; gabhail fearainn; aimhreit fearainn; croitearan