Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Calanais
EXTERNAL ID
PC_MACLEAN_HARRIS&LEWIS09_18
ÀITE
Calanais
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ùig
DEIT
8 Iuchar 2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Clare Maclean
AITHNEACHADH MAOINE
29239
KEYWORDS
clachan
tursachan
carraighean-cuimhne
Calanais

Tha barrachd air fichead ionad àrsaidh a tha 3,000-4,000 bliadhna a dh'aois timcheall air Calanais an ceann an iar-thuath Leòdhais sna h-Eileanan Siar. 'S e an làrach as ainmeile de na tursachan seo Calanais I anns a bheil cearcall chlachan agus ceithir sreathan de chlachan fa leth a' ruith bhuaithe don ear, don iar agus gu deas ach gu tuath tha dà shreath de chlachan ann. Thathar den bheachd gun robh clach àraid an-siud 's an-seo a' comharrachadh amannan shònraichte ann an turas na gealaich timcheall air an adhar tron bhliadhna.

Cha robhas a' cleachdadh an làraich mar àite nan draoidhean bho mu 800RC agus chaidh e a-mach à sealladh fon riasg. Cha tàinig e am follais a-rithist gus an deach an riasg a thoirt air falbh ann an 1857.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Calanais

ROS: Ùig

2000an

clachan; tursachan; carraighean-cuimhne

Clare Maclean

Tha barrachd air fichead ionad àrsaidh a tha 3,000-4,000 bliadhna a dh'aois timcheall air Calanais an ceann an iar-thuath Leòdhais sna h-Eileanan Siar. 'S e an làrach as ainmeile de na tursachan seo Calanais I anns a bheil cearcall chlachan agus ceithir sreathan de chlachan fa leth a' ruith bhuaithe don ear, don iar agus gu deas ach gu tuath tha dà shreath de chlachan ann. Thathar den bheachd gun robh clach àraid an-siud 's an-seo a' comharrachadh amannan shònraichte ann an turas na gealaich timcheall air an adhar tron bhliadhna.<br /> <br /> Cha robhas a' cleachdadh an làraich mar àite nan draoidhean bho mu 800RC agus chaidh e a-mach à sealladh fon riasg. Cha tàinig e am follais a-rithist gus an deach an riasg a thoirt air falbh ann an 1857.