Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Leòdhais
EXTERNAL ID
PC_MACLEAN_HARRIS&LEWIS09_26
ÀITE
Steòrnabhagh
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Steòrnabhagh
DEIT
8 Iuchar 2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Clare Maclean
AITHNEACHADH MAOINE
29246
KEYWORDS
caistealan
taighean
sgoiltean
colaistean
togalaichean
Lews Castle

Tha Caisteal Leòdhais suidhichte chun an iar air Steòrnabhagh, a' coimhead thae na cala. Chaidh a thogail eadar 1847 agus 1857 dha Sir Seumas MacMhathain. B' e neach com-pàirt a bh' ann ann an Companaidh Jardine MacMhathain ann an Sìona a bh' ann agus rinn e airgead le bhith a' dèanamh às-bhathar de theatha agus sìoda dhan RA agus le bhith a' dèanamh malairt mì-laghail opium Innseanach ann an Sìona. Chaidh an caisteal a dhealbhachadh leis an ailtire Teàrlach Mac Uilleim agus chosg e £60,000 airson a thogail.

Ann an 1918 chaidh oighreachd Leòdhais agus Caisteal Leòdhais a reic ri Morair Leverhulme agus an dèidh sin thug esan an caisteal mar thiodhlac do mhuinntir Steòrnabhaigh.

Aig àm an dà chogadh bha e air a chleachdadh mar ospadal a' chabhlaich rìoghail agus bha e a' toirt àite-còmhnaidh dha Sguadran Adhair na Cabhlaich Rìoghail 700. An dèidh sin bha Colaisde a' Chaisteil ann mus do ghluais iad do thogalach ùr sa Ghearraidh Chruaidh anns na 1970an. Bha e an uair sin air a chleachdadh mar Sgoil a' Chaisteil mus fheumadh iad fhàgail air sgàth trioblaidean structaireach. 'S ann leis a' Chomhairle a tha an caisteal agus tha iad an dòchas gun gabh e sàbhaladh agus a chur gu deagh fheum.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Leòdhais

ROS: Steòrnabhagh

2000an

caistealan; taighean; sgoiltean; colaistean; togalaichean

Clare Maclean

Tha Caisteal Leòdhais suidhichte chun an iar air Steòrnabhagh, a' coimhead thae na cala. Chaidh a thogail eadar 1847 agus 1857 dha Sir Seumas MacMhathain. B' e neach com-pàirt a bh' ann ann an Companaidh Jardine MacMhathain ann an Sìona a bh' ann agus rinn e airgead le bhith a' dèanamh às-bhathar de theatha agus sìoda dhan RA agus le bhith a' dèanamh malairt mì-laghail opium Innseanach ann an Sìona. Chaidh an caisteal a dhealbhachadh leis an ailtire Teàrlach Mac Uilleim agus chosg e £60,000 airson a thogail.<br /> <br /> Ann an 1918 chaidh oighreachd Leòdhais agus Caisteal Leòdhais a reic ri Morair Leverhulme agus an dèidh sin thug esan an caisteal mar thiodhlac do mhuinntir Steòrnabhaigh.<br /> <br /> Aig àm an dà chogadh bha e air a chleachdadh mar ospadal a' chabhlaich rìoghail agus bha e a' toirt àite-còmhnaidh dha Sguadran Adhair na Cabhlaich Rìoghail 700. An dèidh sin bha Colaisde a' Chaisteil ann mus do ghluais iad do thogalach ùr sa Ghearraidh Chruaidh anns na 1970an. Bha e an uair sin air a chleachdadh mar Sgoil a' Chaisteil mus fheumadh iad fhàgail air sgàth trioblaidean structaireach. 'S ann leis a' Chomhairle a tha an caisteal agus tha iad an dòchas gun gabh e sàbhaladh agus a chur gu deagh fheum.