Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Pìos Tàilisg (Rìgh) aig Ionad na Coille
EXTERNAL ID
PC_MACLEAN_HARRIS&LEWIS09_28
ÀITE
Steòrnabhagh
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Steòrnabhagh
DEIT
8 Iuchar 2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Clare Maclean
AITHNEACHADH MAOINE
29248
KEYWORDS
tàileasg
greamaichean
cur-seachhadan
spòrs
snaighidhean
arc-eòlas
Chess Piece (King) at Woodlands Centre

Chaidh Fir-tàilisg Leòdhais a lorg uaireigin ron Ghiblean 1831 (nuair a chaidh an taisbeanadh le Comann Àrsairean na h-Alba) faisg air Camas Ùige ann an Eilean Leòdhais. Chan eil fios air mòran mu an tùs no cò leis a bha iad ach tha a' mhòr-chuid den bheachd gun robh iad air an snaigheadh a rèir coltais ann an Nirribhidh mu 1150 -1200 AD. Bha a' chuid as motha air an snaigheadh à ìbhri uàlrais agus tha coltas air cuid gun deach an dath dearg a' moladh gun robh na taobhan a bha an aghaidh a chèile geal agus dearg an àite an geal agus an dubh a tha nas cumanta ann an tàileasg an-diugh.

'S e dealbhan de dhaoine a th' anns a' chuid as motha diiubh ach na pànaichean a tha ann an cumadh liagain. Thathas den bheachd gu bheil na pìosan bho cheithir no 's dòcha còig seataichean eadar-dhealaichte. Tha aon deug de na pìosan air an taisbeanadh ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann agus tha 82 air an cumail le Taigh-tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn a bhios cuideachd a' toirt pìosan air iasad do thaighean-tasgaidh eile airson taisbeanaidhean siubhail.
'S e aon de dhà phìos snighte aig an inntrigeadh do phàirce-chàraichean Ionad na Coille anns a' Ghearraidh Chruaidh aig Caisteal Leòdhais, Steòrnabhagh a th' anns an Rìgh tailisg fiodha seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Pìos Tàilisg (Rìgh) aig Ionad na Coille

ROS: Steòrnabhagh

2000an

tàileasg; greamaichean; cur-seachhadan; spòrs; snaighidhean; arc-eòlas

Clare Maclean

Chaidh Fir-tàilisg Leòdhais a lorg uaireigin ron Ghiblean 1831 (nuair a chaidh an taisbeanadh le Comann Àrsairean na h-Alba) faisg air Camas Ùige ann an Eilean Leòdhais. Chan eil fios air mòran mu an tùs no cò leis a bha iad ach tha a' mhòr-chuid den bheachd gun robh iad air an snaigheadh a rèir coltais ann an Nirribhidh mu 1150 -1200 AD. Bha a' chuid as motha air an snaigheadh à ìbhri uàlrais agus tha coltas air cuid gun deach an dath dearg a' moladh gun robh na taobhan a bha an aghaidh a chèile geal agus dearg an àite an geal agus an dubh a tha nas cumanta ann an tàileasg an-diugh.<br /> <br /> 'S e dealbhan de dhaoine a th' anns a' chuid as motha diiubh ach na pànaichean a tha ann an cumadh liagain. Thathas den bheachd gu bheil na pìosan bho cheithir no 's dòcha còig seataichean eadar-dhealaichte. Tha aon deug de na pìosan air an taisbeanadh ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann agus tha 82 air an cumail le Taigh-tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn a bhios cuideachd a' toirt pìosan air iasad do thaighean-tasgaidh eile airson taisbeanaidhean siubhail.<br /> 'S e aon de dhà phìos snighte aig an inntrigeadh do phàirce-chàraichean Ionad na Coille anns a' Ghearraidh Chruaidh aig Caisteal Leòdhais, Steòrnabhagh a th' anns an Rìgh tailisg fiodha seo