Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Abhainn Nis agus eaglaisean
EXTERNAL ID
PC_MACLEAN_INVERNESS08_06
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Clare Maclean
AITHNEACHADH MAOINE
29253
KEYWORDS
tùir
stìoballan
taigh-cluig
tùr-cluig
barrabhalla
stìoballan
River Ness and churches

Tha trì eaglaisean suidhichte faisg air a' chèile air bruach a deas Abhainn Nis. Is iad na stìoballan aig an t-Seann Àrd Eaglais, an Eaglais Shaor a Tuath agus Àrd-eaglais Chaluim Chille.

Tha an t-Seann Àrd-Eaglais air an taobh chlì. Bha i air Cnoc Naomh Mhìcheil fiù's ro 1171. Thathar den bheachd gur e an tùr-cluig bhon 16mh no bhon 17mh linn am pìos as sine dhen eaglais bho na meadhan linntean. Anns an t-17mh linn thogadh mullach an tùir, agus thogadh e an àite a' bhidein agus a' mhullaich, a thogadh anns na meadhan linntean. Tha iomall air le clachan-taic agus bidean de chopar. Tha na clachan-taic airson an fhiodh a bh' ann o thùs fhathast rim faicinn anns an tùr-chluig. Tha cleoc le ceithir taobhan air an tùr, agus thathar air a bhith a' bualadh a' chluig aig ochd uairean a h-uile feasgar bho 1720, ach ri linn an Dàrna Cogaidh

Air an taobh dheas dhen t-Seann Àrd-Eaglais, tha an Eaglais Shaor a Tuath, a thogadh eadar 1889 agus 1893, aig ceann drochaid Sràid Ghreig. Chaidh a dealbhachadh le Ross agus MacBeth, agus thogadh i le coltas Gotach finealta. 'S ann oirre a tha an stìoball as àirde an Inbhir Nis, agus tha bidean air a mullach le uinneagan beaga. Air an taobh dheas den tulchainn, a tha ris an t-sràid, tha tùr le staidhre. Gabhaidh an Eaglais Shaor a Tuath co-thional de 1,300.

Nas fhaide chun an taoibh dheis tha Àrd-Eaglais Shaor na h-Alba, ris an canar an-diugh Eaglais Chaluim Chille, a tha na seasamh air làrach seann taigh-grùdachais. Chaidh a dealbhachadh agus a togail ann an cumadh Gotach dìreach, le MacKenzie and Mathews, eadar 1851 agus 1852, Chaidh a droch mhilleadh ann an teine ann an 1939, ach chaidh a càradh eadar 1948 agus 1953.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Abhainn Nis agus eaglaisean

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

tùir; stìoballan; taigh-cluig; tùr-cluig; barrabhalla; stìoballan