Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Chananaich a' Comharrachadh a Ceann-bliadhna 500, 1955
EXTERNAL ID
SSA_NAIRN_FORTROSE_ANNIVERSARY
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
DEIT
1955
LINN
1950s
CRUTHADAIR
Jimmy Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Sgrion na h-Alba
AITHNEACHADH MAOINE
2926
KEYWORDS
bhideothan
filmichean
fiolmaichean
cinn bliadhna
spaidsearachd
seirbheisean
deas-ghnàthan

Get Adobe Flash player

'S ann bho ' A' Chananaich a' Comharrachadh a Ceann-bliadhna 500' a thàinig an earrann ghoirid seo de dh'fhilm neo-fhuaimneach dubh is geal, dèanta ann an 1955 le Seumas S. Nairn airson Taighean Deilbh Cailleannach Ceangailte (C.A.C). Tha an dreach slàn fada dheth mu 5 mionaidean ann am fad agus chithear ann deilbh den Phròbhaist Iain Anderson a' faighinn slabhraidh ùr na dreuchd aig a' Bhorgh agus cuideachd a' Bhan-chunnt Middleton a' cosnadh Saorsa a' Bhuirgh.

'S ann o Thasglann an Sgrìon Albannaich aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a thàinig a' film © NLS.

'S dòcha gur ann mar mhanaidsear air taigh-dhealbh a' Phlayhouse bho 1941 gu 1972 as fheàrr a bhios cuimhne aig muinntir Inbhir Nis air Jimmy Nairn (1900-1982). Thòisich e ag obair ann an 1915 mar thilgeadair pàirt-ùine ann an taigh-dhealbh ann am Pollockshields ann an Glaschu. B' ann an Taigh-dhealbh an Savoy ann an Dùn Èideann a fhuair e a' chiad dreuchd mar mhanaidsear ann an 1925, agus an uair sin san Regal ann an Sruighlea ann an 1934 agus ann am Playhouse Inbhir Nis ann an 1941 far an do dh?fhuirich e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1972.

Bha ùidh aige a-riamh ann am filmichean agus ann an 1931, thuirt e gur e a' chiad neach-dèanamh filmichean nach robh proifeisenta a rinn 'talkie' (film anns a bheil còmhradh). Deich bliadhna an dèidh sin, chaidh airgead a thoirt dha gus film a dhèanamh de Dheòrsa VI agus Bana-diùc York aig Caisteal Baile Mhorail. Thug e comhairle do Disney air dealbh mu Uilbheist Loch Nis.

A bharrachd air a bhith a' dèanamh 40 film air cuspairean ionadail, mòran a bh' air an cleachdadh le Bòrd Turasachd na h-Alba agus an Caledonian Society, bha gnìomhachas togail-dhealbh aige agus thog e mìltean de dhealbhan ann agus mu cuairt air sgìre Inbhir Nis, gu h-àraid anns na 1950an agus na 1960an. Tha a chruinneachadh de neagataibhean, pleataichean glainne agus dealbhan fo chùram Tasglann Dealbh na Gàidhealtachd.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Chananaich a' Comharrachadh a Ceann-bliadhna 500, 1955

ROS: Ros Mhaircnidh

1950s

bhideothan; filmichean; fiolmaichean; cinn bliadhna; spaidsearachd; seirbheisean; deas-ghnàthan

Tasglann Sgrion na h-Alba

Jimmy Nairn Films