Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Àilear aig seann Ospadal an Ràthaig Mhòr, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_NURSES1_019
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Nurses League of Inverness Hospitals
AITHNEACHADH MAOINE
29307
KEYWORDS
ospadalan
cùram-slàinte
euslaintich
Veranda at old Raigmore Hospital, Inverness

Tha an dealbbh camara seo a' sealltainn euslaintich a' faighinn leigheas airson osteomyelitis, galar-ghabhail cnàimh a ghaibhear ann an daoine a' fulang le TB, air an àilear air taobh a-muigh uàrd nan eòlas-chnàmhan aig Seann Ospadal an Ràthaig Mhòr tràth anns na 1950an.

Dh'fhosgail An t-Seann Ràthaig Mhòr, mar a dh'aithnichear e an-diugh, san t-Sultain 1941, mar ospadal EMS (Seirbheisean Meidigeach Èiginn), far an robh speisealach ait a thoit a-steach bhon toiseach agus aig an Ràthaig Mhòr b' e eòlas-chnàmhan a bha seo (bha speisealachdan diofraichte aig ospadalan EMS eile). Bho 1941, bha lannsair eòlas-chnamhan còmhnaidheach ann, agus ann an 1943, bha an Ràthaig Mhòr na Bhun Ospadal Eòlas-chnàmhan airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean fon cho-chomhairliche, Risteard Moireach.

Bha uàrd an eòlas chàmhan a' leigeil le euslaintich ath-slànachadh a-muigh. Bha daoine ann am plàsd airson seachdainean agus bha an eàdhar ùr na phàirt cudromach den leigheas airson tinneasan mar TB sgamhanach ( bha daoine a bha a' fulang le TB sgamhanach a' faighinn leigheas aig an Ospadal airson Tinneasan Gabhaltach aig Cùl Daothail).

Chaidh TB an ìre mhath a-mach à bith bho meadhan na 1950an le tionnsgnadh streptomycin agus drogaichean eile coltach ri sin.

Chaidh a' chiad pàirt de Ospadal ùr an Ràthaig Mhòr fhosgladh ann an 1983.

[Taing do Jim Leslie airson mòran den fhiosrachaidh seo.]

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Àilear aig seann Ospadal an Ràthaig Mhòr, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950an

ospadalan; cùram-slàinte; euslaintich