Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglaiseadh na Comhairle, Inbhir Nis, 1955
EXTERNAL ID
SSA_NAIRN_KIRKING_OF_COUNCIL_1955
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1955
LINN
1950s
CRUTHADAIR
Jimmy Nairn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Tasglann Sgrion na h-Alba
AITHNEACHADH MAOINE
2933
KEYWORDS
bhideothan
filmichean
fiolmaichean
spaidsearachd
seirbheisean
deas-ghnàthan

Get Adobe Flash player

'S ann bho 'Incidents in the Life of a Provost' a thàinig an earrann ghoirid seo de dh'fhilm neo-fhuaimneach dathach le Seumas Nairn agus Raibeart Wotherspoon, dèanta ann an 1955-56. Tha an dreach slàn fada dheth mu 48 mionaidean ann am fad agus chithear ann deilbh den "Kirkin' of the Council", Seirbheis an Fhosadh-Cogaidh o 1955, ceann-bliadhna 210 de Bhlàr Chùil Lodair agus fosgladh an lòin plubraich ann am Pàirc Bellfield.

'S ann o Thasglann an Sgrìon Albannaich aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a thàinig a' film © NLS.

'S dòcha gur ann mar mhanaidsear air taigh-dhealbh a' Phlayhouse bho 1941 gu 1972 as fheàrr a bhios cuimhne aig muinntir Inbhir Nis air Jimmy Nairn (1900-1982). Thòisich e ag obair ann an 1915 mar thilgeadair pàirt-ùine ann an taigh-dhealbh ann am Pollockshields ann an Glaschu. B' ann an Taigh-dhealbh an Savoy ann an Dùn Èideann a fhuair e a' chiad dreuchd mar mhanaidsear ann an 1925, agus an uair sin san Regal ann an Sruighlea ann an 1934 agus ann am Playhouse Inbhir Nis ann an 1941 far an do dh?fhuirich e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1972.

Bha ùidh aige a-riamh ann am filmichean agus ann an 1931, thuirt e gur e a' chiad neach-dèanamh filmichean nach robh proifeisenta a rinn 'talkie' (film anns a bheil còmhradh). Deich bliadhna an dèidh sin, chaidh airgead a thoirt dha gus film a dhèanamh de Dheòrsa VI agus Bana-diùc York aig Caisteal Baile Mhorail. Thug e comhairle do Disney air dealbh mu Uilbheist Loch Nis.

A bharrachd air a bhith a' dèanamh 40 film air cuspairean ionadail, mòran a bh' air an cleachdadh le Bòrd Turasachd na h-Alba agus an Caledonian Society, bha gnìomhachas togail-dhealbh aige agus thog e mìltean de dhealbhan ann agus mu cuairt air sgìre Inbhir Nis, gu h-àraid anns na 1950an agus na 1960an. Tha a chruinneachadh de neagataibhean, pleataichean glainne agus dealbhan fo chùram Tasglann Dealbh na Gàidhealtachd.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglaiseadh na Comhairle, Inbhir Nis, 1955

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1950s

bhideothan; filmichean; fiolmaichean; spaidsearachd; seirbheisean; deas-ghnàthan

Tasglann Sgrion na h-Alba

Jimmy Nairn Films