Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Màiri NicLeòid agus am Metagama (bhidio)
EXTERNAL ID
TC01Fi_En
ÀITE
Leòdhas
DEIT
1999
LINN
1850an
CRUTHADAIR
Traditional
NEACH-FIOSRACHAIDH
West Highland Animation
AITHNEACHADH MAOINE
2935
KEYWORDS
Cùltar
Beul Aithris
Dealbhan bheò, clann
eachdrachail
siubhal mhara
eilthireachan
Eilean Leodhais
bhideo
bhideothan
Bhidio Metagama

Get Adobe Flash player

Innsidh am fiolm seo sgeulachd mu dhithis cho-oghaichean à Canada a tha air tighinn do bhaile beag Bharbhais, air Eilean Leòdhais gus an càirdean a lorg. Chan eil aca ach foto de mhàthair an seanmhar, Màiri NicLeòid a dh'fhàg am baile beag ann an 1923 air bàta-smùide na h-eilthireachd, am Metagama, an tòir air beatha ùr ann an Canada.

Chaidh am fiolm seo a dhèanamh le còig sgoilearan fichead ann am Bun-sgoil Bharbhais. Thagh iad an sgeulachd seo oir bha caraidean aig tòrr dhiubh ann an Canada a bha de shliochd a' ghinealaich bhochd sin a dh'fhàg Leòdhas anns na 1920an agus a dh'fhàg an dùthaich mar eilthirich an tòir air obair is cothroman ùra. Rinn a' chlann rannsachadh airson sgeulachd an fhiolm aca; dhealbhaich iad am bòrd-sgeulachd, chruthaich iad an obair-ealain airson na deilbh-bheò (fhuaradh an stoidhle bho dhualchas breabadaireachd an àite) Dh'obraich iad an camara agus bheothaich iad na caractaran aca. Mu dheireadh, chlàr iad am fuaim-lorg aca ann an cleachdadh na Beurla agus na Gàidhlig, a' toirt a-staigh òran luaidh dualchasach.

Chaidh am fiolm a chraobh-sgaoileadh airson a'chiad turas ann an Talla Coimhearsneachd Bharbhais anns an Damhair, 1997. Bha e na phàirt den t-Sreath Deilbh-Beò Bailtean Beaga na h-Alba a chaidh a riochdachadh is a stiùireadh leis a' bheothadair Jessica Langford airson T.Bh. Grampian is STV. Fhuair e a'chiad duais anns an earrainn fhiolm air ainmeachadh 'Dealbh-Bheò' As Fheàrr do chloinn fo aois 16 aig Fèis Bhradford airson Dealbh-Beò na h-Òigridh.

Air a dhèanmh le cloinn ann am Bun-Sgoil Bharabhais, Barbhas Eilean Leodhais, Innse Gall: Catriona NicIomhair, Iohann MacIlleathainn, Marina Nic a' Mhaoilein, Michelle Mhoireasdan, Pòl MacDhòmhnaill, Murchadh MacLeòid, Màrtainn Graham, Dòmhnall MacLeòid, Tormod MacLeòid, Dughlas Stiùbhart, Careen NicMhathainn, Catriona Donna NicLeòid, Catriona Mhoireasdan, Dòmhnall Iain Graham, Màiri Mhoireasdan, Ciaran NicAoidh, Màrtainn Mac a' Ghobhainn, Màiri Alios Bartlett, Laura NicLeòid, Graham MacIomhair, Calum Iain Bartlett, Iain MacAoidh, Gortainn Mac a' Ghobhainn, Eilidh NicAoidh.
Peadar Mac a' Ghobhainn Ceannard na Sgoile, Anna Nic Thomais tidsear clas na Gàidhlig p5-7, Seonag NicFhionghuin Neach-Sgrùdaidh Foghlam Bun-Sgoile, Comhairle nan Eilean Siar.

Le taing do: Coinneach MacDhùghaill, Rùnaire.Comann Eachdraidh Bhru, Calum Mac a' Ghobhainn, breabadair, A' Bh.Uas. Màiri Nic a' Ghobhainn, taisbeanadh snìomh
An t-Urramach Coinneach MacLeòid, Dòmhnall Mac a' Mhaolain. A' Bh.Uas. Annie Graham, Mgr. Coinneach MacRisnidh, à Canada. Oran-Luaidh 'S e tir mo rùin-sa Ghàidhealtachd' air a sgrìobhadh le Dòmhnall MacDhòmhnaill Còir-Gleidhidh: An Comunn Gàidhealach, Salm 46 air a sheinn le Coithional Eaglais Shaor Bharbhais, Preasantair Aonghas Graham
Taic-Airgid bho: Comhairle Ealain na h-Alba, Ionmhas a' Chrannchuir Nàiseanta agus STV. Air a stiùireadh is air a riochdachadh le: Jessica Langford

Tha tuilleadh fiosrachaidh mun Mhetagama ann an leabhar Jim Wilkie
Metagama: a journey from Lewis to the New World (Dùn Èideann: Mainstream, 1987)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Màiri NicLeòid agus am Metagama (bhidio)

1850an

Cùltar; Beul Aithris; Dealbhan bheò, clann; eachdrachail; siubhal mhara; eilthireachan; Eilean Leodhais; bhideo; bhideothan; Bhidio Metagama;