Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
1mh Bhrownies Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_PHOTOBROWNIES_2
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Miss Betty Harper
AITHNEACHADH MAOINE
29558
KEYWORDS
Brownie Guides
Brownies
clann-nighean
clubaichean
buidheannan
scouts
1st Inverness Brownies

Tha an dealbh seo de 1mh Bhrownies Inbhir Nis o timcheall air 1932. Tha sinn a' smaoineachadh gur e A' Bh. Neale a' Chailleach-oidhche Dhonn, no ceannard nam Brownies. Chaidh an dealbh a thogail taobh a-muigh 'Ivy Cottage' air Seann Rathad Dhùn Eideann. Bha na Brownies air an t-slighe gu farpais a chum Gàradh Sìthiche a dhèanamh aig Caisteal Nis. Bhuannaich iad an fharpais.

B' e Oifigear ann an Arm Bhreatainn anns Na h-Innseachan a bh'ann an Raibeart Baden-Powell. Fhad 's a bha e an sin, sgrìobh e 'Handbook to Scouting' a chum saighdearan a chuideachadh le na sgilean bunaiteach a dh'fheumadh iad airson tighinn beò. Thòisich tidsearan a' cleachdadh an leabhair is chaidh iarraidh air Baden-Powell ath-sgrìobhadh a chum a dhèanamh nas taitniche do bhalaich. Chaidh a' chiad chruinneachadh dhe na Scouts a chumail aig Crystal Palace ann an 1909, is nochd buidheann mòr de chlann-nighean a bha ag iarraidh a bhith nan 'girl scouts'. Stèidhich Baden-Powell is a phiuthar, Agnes, buidheann eile airson clann-nighean ann an 1910. Chaidh an t-ainm atharrachadh gu 'Girl Guides' a chum gluasad air falbh o ìomhaigh nam balach nach robh freagarrach aig an àm sin.
Bha peathraichean òga nan Guides ag iarraidh a bhith nam buill cuideachd, is mar sin stèidhich Baden-Powell buidheann ùr air an robh na 'Rosebuds'. Cha do chòrd an t-ainm sin ri na nigheanan, is chaidh atharrachadh gu 'Brownies'.

Tha Brownies ag ionnsachadh sgilean ùra is bunaiteach, a' cluich gheamannan, a' faighinn fèin-mhisneachd is a' coinneachadh dùbhlain a th'air an cur fan comhair. Tha iomadh buidheann Bhrownie air a bhith ann an Alba o chaidh an stèidheachadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

1mh Bhrownies Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1930an

Brownie Guides; Brownies; clann-nighean; clubaichean; buidheannan; scouts