Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loids Pitmain (Prìomh staidhre)
EXTERNAL ID
PC_PITMAIN_004
ÀITE
Cinn a' Ghiùthsaich
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
NEACH-FIOSRACHAIDH
Kathryn Main
AITHNEACHADH MAOINE
29562
KEYWORDS
taighean-mòra dùthchail
taighean mòra
aitreabhan
Pitmain Lodge (Main Staircase)

Tha an dealbh seo a' sealltainn na prìomh staidhre ann an Loids Phitmeadhon a bha na thaigh-mòr dhùthchail faisg air Gleann Goineig, faisg air Cinn a' Ghiuthsaich. Chaidh Pitmain a thogail timcheall air 1913 le Seumas Dùbhghlas Mac an Fhleisdeir. Chleachd e e mar loids gus am b' urrainn dha fèidh agus cearcan-fraoich a shealg. B' ann le diofar dhaoine a bha an loids thar ùine agus bha an R.A.S.C no (Royal Army Service Core) agus feachdan à Nirribhidh ann aig àm an dara cogaidh.

B' e prìomh thogalach eireachdail anns a' ghleann a bh' ann am Pitmain. Bha na ballachan aige air an dèanamh le clach-chrèadha dhearg a bha na rud neo-àbhaisteach anns an sgìre. Bha 364 uinneagan agus 126 dorsan ann agus bha deagh eisimpleirean de fhìor shnaidheadh fiodha na bhroinn le panailean daraich, giuthais agus cnò Fhrangach. Chaidh Loids Pitmain a leagail ann an 1957 leis na daoine aig an robh e aig an àm, Teocarlo Ltd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loids Pitmain (Prìomh staidhre)

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

taighean-mòra dùthchail; taighean mòra; aitreabhan

Kathryn Main

Tha an dealbh seo a' sealltainn na prìomh staidhre ann an Loids Phitmeadhon a bha na thaigh-mòr dhùthchail faisg air Gleann Goineig, faisg air Cinn a' Ghiuthsaich. Chaidh Pitmain a thogail timcheall air 1913 le Seumas Dùbhghlas Mac an Fhleisdeir. Chleachd e e mar loids gus am b' urrainn dha fèidh agus cearcan-fraoich a shealg. B' ann le diofar dhaoine a bha an loids thar ùine agus bha an R.A.S.C no (Royal Army Service Core) agus feachdan à Nirribhidh ann aig àm an dara cogaidh.<br /> <br /> B' e prìomh thogalach eireachdail anns a' ghleann a bh' ann am Pitmain. Bha na ballachan aige air an dèanamh le clach-chrèadha dhearg a bha na rud neo-àbhaisteach anns an sgìre. Bha 364 uinneagan agus 126 dorsan ann agus bha deagh eisimpleirean de fhìor shnaidheadh fiodha na bhroinn le panailean daraich, giuthais agus cnò Fhrangach. Chaidh Loids Pitmain a leagail ann an 1957 leis na daoine aig an robh e aig an àm, Teocarlo Ltd