Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sheila Fhoirbeis le buill-chluiche de 'Before the Raid'
EXTERNAL ID
PC_PORTMAHOMACK_01
ÀITE
Port Ma Cholmaig
SGÌRE
Manachainn Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Tairbeart
DEIT
1942
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Rosemary Mackay
AITHNEACHADH MAOINE
29565
KEYWORDS
An Dara Cogadh
Sheila Forbes with cast members of 'Before the Raid'

San dealbh seo chithear Sheila Fhoirbeis, tè a bha a' fuireach ann am Port Mo Cholmaig, còmhla ri dithis de na cluicheadairean o 'Before the Raid', film propaganda Breatannach a chaidh a dhèanamh sa bhaile ann an 1942 (air a sgaoileadh ann an 1943). Chaidh am film a stiùireadh le Jiri Weiss, fear Iùdhach à baile Prague a dh'fheumadh Seicoslobhacia fhàgail ann an 1938, nuair a thàinig na Gearmailtich a dh'fhuireach ann.

Chaidh am film a dhèanamh ann am Port Mo Cholmaig a chionns' gu robh am baile coltach ris an t-seòrsa baile iasgaich Lochlannach far an robh iad ag ràdh gun do thachair cuspair an fhilm. Chaidh innseadh do mhuinntir Port Mo Cholmaig nach fhaodadh iad aon fhacal a ràdh mu 'n fhilmeadh agus chaidh an dealbh seo a thogail 's a leasachadh gu dìomhair.

Aig an àm a chaidh an dealbh seo a thogail, bha Sheila na neach-obrach rèidio aig Feachd Taiceil Bhoireannaich an Adhair (Women's Auxiliary Air Force) aig raon losgaidh Bhaile Dhubhthaich. Bhruidhinn a piuthar, Rosemary NicAoidh, o chionn ghreiseag ri Am Baile mu 'n fhilm agus chan fhada gus am bi clàr-fuaim de a còmhradh ri chluinntinn air an làraich.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sheila Fhoirbeis le buill-chluiche de 'Before the Raid'

ROS: Tairbeart

1940an

An Dara Cogadh

Rosemary Mackay

San dealbh seo chithear Sheila Fhoirbeis, tè a bha a' fuireach ann am Port Mo Cholmaig, còmhla ri dithis de na cluicheadairean o 'Before the Raid', film propaganda Breatannach a chaidh a dhèanamh sa bhaile ann an 1942 (air a sgaoileadh ann an 1943). Chaidh am film a stiùireadh le Jiri Weiss, fear Iùdhach à baile Prague a dh'fheumadh Seicoslobhacia fhàgail ann an 1938, nuair a thàinig na Gearmailtich a dh'fhuireach ann.<br /> <br /> Chaidh am film a dhèanamh ann am Port Mo Cholmaig a chionns' gu robh am baile coltach ris an t-seòrsa baile iasgaich Lochlannach far an robh iad ag ràdh gun do thachair cuspair an fhilm. Chaidh innseadh do mhuinntir Port Mo Cholmaig nach fhaodadh iad aon fhacal a ràdh mu 'n fhilmeadh agus chaidh an dealbh seo a thogail 's a leasachadh gu dìomhair. <br /> <br /> Aig an àm a chaidh an dealbh seo a thogail, bha Sheila na neach-obrach rèidio aig Feachd Taiceil Bhoireannaich an Adhair (Women's Auxiliary Air Force) aig raon losgaidh Bhaile Dhubhthaich. Bhruidhinn a piuthar, Rosemary NicAoidh, o chionn ghreiseag ri Am Baile mu 'n fhilm agus chan fhada gus am bi clàr-fuaim de a còmhradh ri chluinntinn air an làraich.