Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Laimrig a' Phrionnsa Theàrlaich, Èirisgeidh
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_BPC6426
ÀITE
Èirisgeigh
SGÌRE
Uibhist a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Deas
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29566
KEYWORDS
Am Prionnsa Teàrlach
armachd
buill-airm
eileanan
Nantes
La Doutelle
soithichean
Ìnnse Gall
iolairean
Tullach Bhàrdainn
an Fhraing
Clann Raghnaill
Loch nan Uamh
Mùideart
Arasaig
fir chinnidh
Ceann Loch Mhùideirt
Prince Charlie's Landing Place, Eriskay

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

An dèidh dhaibh an armachd agus am peilearan a chall, dh'iarr an companaich air a' Phrionnsa tilleadh gu Nantes, ach cha dèanadh e sin, agus an dèidh a bhith air an ruith le soitheach-cogaidh Breatannach, "La Doutelle", chuir iad sìos acair faisg air eilean Èirisgeigh, air an 2a Lùnastal, 1745. Bha iolaire a' sgiathalaich mun t-soithich, agus dh'èigh fear Thulaich Bhàrdainn, "Seo rìgh nan eun a' tighinn a chur fàilte oirbh, a Dhuine Rìoghail, a dh'Alba." Bha fear Chlann Ràghnaill, aig an robh na h-eileanan beaga sin, air tir-mòr. Thog Teàrlach air thuige, agus chaidh e a-steach do bhàgh Loch nan Uamh eadar Mùideart is Arasaig. San àite seo thàinig fear Chlann Ràghnaill, fear Chinn Loch Mhùideirt agus grunnan den luchd-cinnidh air bòrd. Ach ri iarrtasan a' Phrionnsa, fhreagair iad nach tigeadh càil ach creach orra nan togadh iad armachd gun taic no co-obair bhon Fhraing. Às dèidh agallamh fhada agus tagradh pearsanta ri fear òg Chinn Loch Mhùideirt, bràthair a' chinn-cinnidh, mu dheireadh thall rinn Teàrlach a' chùis air, agus "that he did so is a proof of the fascination of his manners and his tact"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Laimrig a' Phrionnsa Theàrlaich, Èirisgeidh

INBHIR NIS: Uibhist a Deas

1890an

Am Prionnsa Teàrlach; armachd; buill-airm; eileanan; Nantes; La Doutelle; soithichean; Ìnnse Gall; iolairean; Tullach Bhàrdainn; an Fhraing; Clann Raghnaill; Loch nan Uamh; Mùideart; Arasaig; fir chinnidh; Ceann Loch Mhùideirt

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past - Prince Charlie and the '45

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> An dèidh dhaibh an armachd agus am peilearan a chall, dh'iarr an companaich air a' Phrionnsa tilleadh gu Nantes, ach cha dèanadh e sin, agus an dèidh a bhith air an ruith le soitheach-cogaidh Breatannach, "La Doutelle", chuir iad sìos acair faisg air eilean Èirisgeigh, air an 2a Lùnastal, 1745. Bha iolaire a' sgiathalaich mun t-soithich, agus dh'èigh fear Thulaich Bhàrdainn, "Seo rìgh nan eun a' tighinn a chur fàilte oirbh, a Dhuine Rìoghail, a dh'Alba." Bha fear Chlann Ràghnaill, aig an robh na h-eileanan beaga sin, air tir-mòr. Thog Teàrlach air thuige, agus chaidh e a-steach do bhàgh Loch nan Uamh eadar Mùideart is Arasaig. San àite seo thàinig fear Chlann Ràghnaill, fear Chinn Loch Mhùideirt agus grunnan den luchd-cinnidh air bòrd. Ach ri iarrtasan a' Phrionnsa, fhreagair iad nach tigeadh càil ach creach orra nan togadh iad armachd gun taic no co-obair bhon Fhraing. Às dèidh agallamh fhada agus tagradh pearsanta ri fear òg Chinn Loch Mhùideirt, bràthair a' chinn-cinnidh, mu dheireadh thall rinn Teàrlach a' chùis air, agus "that he did so is a proof of the fascination of his manners and his tact"