Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne a' Phrionnsa Theàrlaich, Gleann Fhionghain
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_BPC6428
ÀITE
Gleann Fhionghain
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29567
KEYWORDS
Am Prionnsa Teàrlach
lochan
Seile
An Gearasdan
bratach
sìoda
Tullach Bhàrdainn
Moireach
carragh-cuimhne
sgrìobhadh
Gàidhlig
Laideann
Dòmhnallach
Gleann Athaladail
Ròimh
Iain Cope
Dail Chuinnidh
Sruighle
cinnidhean
Inbhir Nis
Prince Charlie's Monument, Glenfinnan

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

Ann an Gleann Fhionghain faisg air ceann Loch Seile, mu 15 mìle an iar air a' Ghearasdan, chaidh bratach nan Stiùbhartach a thogail le seann fhear Thulaich Bhàrdainn.

"Oh, high-minded Murray the exile, the dear,
In the blush of the dawning the standard uprear
Wide, wide on the winds of the north let it fly
Like the sun's latest flash when the tempest is nigh"

Chaidh colbh a thogail le MacDhòmhnaill Ghlinn Athaladail san ionad sin agus sgrìobhadh air ann am Beurla, Gàidhlig agus Laideann. Bha a' bhratach dèanta le sìoda dearg agus beàrn geal sa mheadhan, far an deach an sgrìobhadh ainmeil "Tandem triumphans" a chur beagan sheachdainean an dèidh sin. Leugh Fear Thulaich Bhàrdainn a-mach a' ghairm-fhollaiseach aig an t-Seann Chevalier, on Ròimh, sgrìobhte san Dùbhlachd 1743. Gheall am pàipear seo dìoghaltas agus còireachan agus dh'ainmich e a mhac, am Prionnsa Teàrlach, mar an leas-rìgh aige. Ghlac an t-arm Gàidhealach bealach a' Choire Dheirg. Thuirt am Prionnsa, nuair a chuir e air a bhrògan ùra, Gàidhealach "Bidh mi shuas còmhla ri Mgr. Cope mus fuasgailear iad seo."

Aig buidheann comhairle cogaidh bhruidhinn Iain Cope air a' chùis. Cha b' urrainn dha fuireach ann an Dail Chuinnidh a bha e a-nis air ruighinn. Cha robh math dha ionnsaigh a thoirt air Feachd nan Gàidheal sa Choire Dhearg; chan fhaodadh e tarraing air ais a Shruighle bhon a bha na h-òrdughan aige ag ràdh a "dhol air adhart" agus mar sin chuir e roimhe a dhol air adhart a dh' Inbhir Nis far an coinnicheadh e na cinnidhean càirdeil, agus san dòigh sin thàlaidheadh e an nàmhaid às a dhèidh oir cha tàinig e a-steach air idir gum meàrrsadh iad gu deas nuair a bha arm cho mòr air an cùlaibh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne a' Phrionnsa Theàrlaich, Gleann Fhionghain

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

1890an

Am Prionnsa Teàrlach; lochan; Seile; An Gearasdan; bratach; sìoda; Tullach Bhàrdainn; Moireach; carragh-cuimhne; sgrìobhadh; Gàidhlig; Laideann; Dòmhnallach; Gleann Athaladail; Ròimh; Iain Cope; Dail Chuinnidh; Sruighle; cinnidhean; Inbhir Nis

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past - Prince Charlie and the '45