Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Àrd-shràid, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_SCO5210
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29575
KEYWORDS
Seòras Washington MacUilleim
dealbhan-camara
Banca na h-Alba
Banca Caledonian
MacCoinnich is Matthews
Handyside Ritchie
High Street, Inverness

Chithear an Àrd-shràid, Inbhir Nis san dealbh seo. Chaidh a togail le Seòras Washington MacUilleim (1823-1893), a bha na dhealbhadair stèidhichte ann an Obar Dheathain a shiubhail air feadh Alba is thall thairis a' togail dhealbhan den dùthaich mun cuairt agus a' cleachdadh seòmar-dorcha so-ghiùlan. Thog e dealbhan den Bhanrigh Bhioctoria, is fhuair e coimisean bhuaipe a chum ath-thogail Baile Mhoireil a chlàradh ann an dealbhan.

Is e Banca na h-Alba a bh' anns an togalach ghrinn air an taobh chlì eadar 1907 agus bho chionn ghoirid. Chaidh a dhealbhadh leis na h-ailtirean MacCoinnich agus Matthews à Eilginn mar a' phrìomh oifis aig a' Bhanca Caledonian ann an 1847. Tha bhàsa mhòr aig gach taobh den fhor-uinneig agus tha dealbhan blàth-fhleasgach de Bhanrigh Bhioctoria agus den Phrionnsa Albert orra. Tha dealbhan de dhaoine a tha a' riochdachadh talamh is muir air an tiompanum os cionn colbhan Coirintianach a' phortico. Chaidh iad seo a shnaidheadh le A. Handyside Ritchie. Thathar ag ath-nuadhachadh an togalaich mar bhàr

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Àrd-shràid, Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1890an

Seòras Washington MacUilleim; dealbhan-camara; Banca na h-Alba; Banca Caledonian; MacCoinnich is Matthews; Handyside Ritchie

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chithear an Àrd-shràid, Inbhir Nis san dealbh seo. Chaidh a togail le Seòras Washington MacUilleim (1823-1893), a bha na dhealbhadair stèidhichte ann an Obar Dheathain a shiubhail air feadh Alba is thall thairis a' togail dhealbhan den dùthaich mun cuairt agus a' cleachdadh seòmar-dorcha so-ghiùlan. Thog e dealbhan den Bhanrigh Bhioctoria, is fhuair e coimisean bhuaipe a chum ath-thogail Baile Mhoireil a chlàradh ann an dealbhan. <br /> <br /> Is e Banca na h-Alba a bh' anns an togalach ghrinn air an taobh chlì eadar 1907 agus bho chionn ghoirid. Chaidh a dhealbhadh leis na h-ailtirean MacCoinnich agus Matthews à Eilginn mar a' phrìomh oifis aig a' Bhanca Caledonian ann an 1847. Tha bhàsa mhòr aig gach taobh den fhor-uinneig agus tha dealbhan blàth-fhleasgach de Bhanrigh Bhioctoria agus den Phrionnsa Albert orra. Tha dealbhan de dhaoine a tha a' riochdachadh talamh is muir air an tiompanum os cionn colbhan Coirintianach a' phortico. Chaidh iad seo a shnaidheadh le A. Handyside Ritchie. Thathar ag ath-nuadhachadh an togalaich mar bhàr