Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caibeal an Naoimh Òrain an Eilean Ì
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_SCO5289
ÀITE
Ì
SGÌRE
Muile
SIORRACHD/PARRAIST
ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29576
KEYWORDS
George Washington Wilson
abaidean
cladhan
Clann Dòmhnaill
Tighearnan nan Eilean
rìghrean
prionnsachan
cinn-cinnidh
sgeulachdan
ìobairtean
St Oran's Chapel, Iona

San dealbh seo chithear Caibeal an Naoimh Òrain an Eilean Ì. San dealbh seo chithear Caibeal an Naoimh Òrain an Eilean Ì. Chaidh a thogail leis an fhear-chamara Seòras Washington Wilson (1823-93) a bha a' fuireach ann an Obar Dheathain agus a rinn tòrr siubhail ann an Alba agus thall thairis, a' togail dhealbhan na tìre agus an rùm-dorcha gluasadach aige. Thog e dealbhan den Bhanrigh Bhictoria agus thug ise dha coimisean gus togail Bhaile Mhoireil a chlàradh.

Tha Caibeal an Naoimh Òrain faisg air Abaid Eilein Ì. Chaidh a thogail san dara linn deug agus 's e an togalach naomh as sine a tha fhathast na sheasamh air Eilean Ì. 'S e sin àite tìodhlacaidh Chloinn Dòmhnaill agus Tighearnan nan Eilean agus timcheall air tha Rèilig Òdhrain, an t-àite tìodhlacaidh aig dà fhichead 's a h-ochd de rìghrean Alba, ceathrar phrionnsachan Èirinn, ochdnar rìghrean à Nirribhidh, aon rìgh Frangach agus iomadh sàr cheann-cinnidh Gàidhealach.

Tha sgeulachd ag innse gun robh Colm Cille airson caibeal a thogail, ach na ballachan a chaidh an togail tron là 's ann a chaidh an leagail tron oidhche le cumhachdan dorchadais. Bha aisling aig Colm Cille a sheall dha gur ann le ìobairt daonnda a ghabhadh caibeal a thogail. Thairg fear de na bràithrean, Òran, e fhèin na ìobairt agus chaidh a thìodhlacadh beò. An uair sin sheas ballachan a' chaibeil gu daingeann. Ach bha Colm Cille cho brònach mu chall a charaid 's gun do dh'fhosgail e an uaigh an ceann trì latha. Chuala e guth Òrain ag innse dha nach robh nèamh agus ifrinn mar a bha dùil! Thug Colm Cille orra an uaigh a lìonadh
a-rithist ann an cabhaig

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caibeal an Naoimh Òrain an Eilean Ì

ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon

1890an

George Washington Wilson; abaidean; cladhan; Clann Dòmhnaill; Tighearnan nan Eilean; rìghrean; prionnsachan; cinn-cinnidh; sgeulachdan; ìobairtean

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past