Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uamh Fhiongail, Stafa
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_SCO5294
ÀITE
Stafa
SGÌRE
Muile
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Ninnein 's Cille Mhoire
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29578
KEYWORDS
eileanan
George Washington Wilson
Banrigh Bhictoria
Muile
basalt
bholcàno
làbha
Giant's Causeway
Aodann Mòr
Iòseph Banks
Fionn MacCumhail
Hebrides
Turner
Wordsworth
Scott
Verne
Tèarmann Nàdair Nàiseanta
Urras Nàiseanta na h-Alba
Fingals Cave, Staffa

San dealbh seo chithear Uamh Fhiongail air eilean beag, fàs Stafa. Chaidh an dealbh a thogail leis an fhear-chamara Seòras Washington Wilson (1823-93) a bha a' fuireach ann an Obar Dheathain agus a rinn tòrr siubhail ann an Alba agus thall thairis, a' togail dhealbhan na tìre agus rùm-dorcha ghluasadach aige. Thog e dealbhan den Bhanrigh Bhictoria agus thug ise dha coimisean gus togail Bhaile Mhoireil a chlàradh.

Tha eilean Stafa, a tha na laighe taobh an iar thuath air Eilean Mhuile, ainmeil airson a cholbhan de chreig bhasalt sia-thaobhach a chaidh an cruthachadh o chionn mhilleanan bhliadhnaichean le obair bholcàno, agus a tha cuideachd na phàirt den aon tuil de làbha a chruthaich an "Giant's Causeway" ann an Èirinn a Tuath. Ann an Uaimh Fhiongail tha na colbhan air an Aodann Mhòr 17meatairean (65 troighean) a dh' àirde. "Lorg" am fear-nàdair, Sir Iòseph Banks, e ann an 1772 agus chaidh ainmeachadh air a' churaidh Èireannach, Fionn MacCumhail. Ghluais fuaim nuallanach na mara sa chathair-eaglais mhòir, nàdarra seo Felix Mendelssohn gus an ceòl ainmeil "Hebrides Overture" a sgrìobhadh.

Mar a bha i na h-àrdachadh-inntinn do sgrìobhadairean is luchd-ealain, 's ann a tharraing Uamh Fhiongail iomadh duine ainmeil air thuras, nam measg a' Bhanrigh Bhictoria, Sir Walter Scott, Sir John Keats, William Wordsworth, Jules Verne agus J.M.W.Turner, a pheant dealbh dheth. Tha an t-eilean cuideachd ainmeil airson eunlaith agus 's e Tèarmann Nàdair Nàiseanta a th' ann an-diugh fo sheilbh Urras Nàiseanta na h-Alba

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uamh Fhiongail, Stafa

EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Ninnein 's Cille Mhoire

1890an

eileanan; George Washington Wilson; Banrigh Bhictoria; Muile; basalt; bholcàno; làbha; Giant's Causeway; Aodann Mòr; Iòseph Banks; Fionn MacCumhail; Hebrides; Turner; Wordsworth; Scott; Verne; Tèarmann Nàdair Nàiseanta; Urras Nàiseanta na h-Alba

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

San dealbh seo chithear Uamh Fhiongail air eilean beag, fàs Stafa. Chaidh an dealbh a thogail leis an fhear-chamara Seòras Washington Wilson (1823-93) a bha a' fuireach ann an Obar Dheathain agus a rinn tòrr siubhail ann an Alba agus thall thairis, a' togail dhealbhan na tìre agus rùm-dorcha ghluasadach aige. Thog e dealbhan den Bhanrigh Bhictoria agus thug ise dha coimisean gus togail Bhaile Mhoireil a chlàradh.<br /> <br /> Tha eilean Stafa, a tha na laighe taobh an iar thuath air Eilean Mhuile, ainmeil airson a cholbhan de chreig bhasalt sia-thaobhach a chaidh an cruthachadh o chionn mhilleanan bhliadhnaichean le obair bholcàno, agus a tha cuideachd na phàirt den aon tuil de làbha a chruthaich an "Giant's Causeway" ann an Èirinn a Tuath. Ann an Uaimh Fhiongail tha na colbhan air an Aodann Mhòr 17meatairean (65 troighean) a dh' àirde. "Lorg" am fear-nàdair, Sir Iòseph Banks, e ann an 1772 agus chaidh ainmeachadh air a' churaidh Èireannach, Fionn MacCumhail. Ghluais fuaim nuallanach na mara sa chathair-eaglais mhòir, nàdarra seo Felix Mendelssohn gus an ceòl ainmeil "Hebrides Overture" a sgrìobhadh.<br /> <br /> Mar a bha i na h-àrdachadh-inntinn do sgrìobhadairean is luchd-ealain, 's ann a tharraing Uamh Fhiongail iomadh duine ainmeil air thuras, nam measg a' Bhanrigh Bhictoria, Sir Walter Scott, Sir John Keats, William Wordsworth, Jules Verne agus J.M.W.Turner, a pheant dealbh dheth. Tha an t-eilean cuideachd ainmeil airson eunlaith agus 's e Tèarmann Nàdair Nàiseanta a th' ann an-diugh fo sheilbh Urras Nàiseanta na h-Alba