Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eilean Shannda
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_SCO5296
ÀITE
Eilean Shannda
SGÌRE
Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29580
KEYWORDS
eileanan
George Washington Wilson
Banrigh Bhictoria
Lochlannach
Sgobhairidh
bearraidhean
eòin-mhara
pàrlamaid
banrighean
Hiort
goirt
Fiadh-bheatha na h-Alba
eun dubh an sgadain
fasgadairean
coltraichean
buthaidean
lusan
Handa Island

Tha Eilean Shanda ri fhaicinn san dealbh seo. Chaidh a thogail leis an fhear-chamara Seòras Washington Wilson (1823-93) a bha a' fuireach ann an Obar Dheathain agus a rinn tòrr siubhail ann an Alba agus thall thairis, a' togail dhealbhan na tìre agus rùm-dorcha ghluasadach aige. Thog e dealbhan den Bhanrigh Bhictoria agus thug ise dha coimisean gus togail Bhaile Mhoireil a chlàradh.

Tha ainm eilein Shannda a' tighinn bhon chànan Lochlannach a' ciallachadh 'eilean gainmhche' agus tha e na laighe an iar thuath air Sgobhairidh far chosta Chataibh. Tha na sgorran air taobh an iar-thuath an eilein ag èirigh gu dìreach a-mach às a' Chuan Shiar gu àirde 120 meatairean (400 troighean), a' toirt àiteachan neadachaidh do dh' iomadh eun mara.

Ann an 1840 bha Sannda na dhachaigh do dhà theaghlach deug. Bhiodh na h-eileanaich a' cur buntàta agus coirce. Rinn iad am beò-shlàint le bhith ag iasgach agus le obair chunnartach a' cruinneachadh uighean agus cuideachd eòin-mhara, às am faigheadh iad ola agus itean, bho na sgorran casa. Bhiodh na fir a' cumail pàrlamaid gach latha far an roinneadh iad obair an latha agus 's e a' bhantrach a bu shine a dh'aithnich iad mar a' bhanrigh aca. Bha co-chomann mar seo air eilean Hiort cuideachd. Ann an 1848 thug goirt a' bhuntàta air na h-eileanaich falbh nan eilthirich a Chanada agus, bhon uair sin, cha robh duine a' fuireach air an eilean. Chithear tobhtaichean nan taighean fhathast.

Bho 1991 tha eilean Shannda air a bhith fo stiùireadh Urras Fiadh-bheatha na h-Alba. Air ainmeachadh na Ionad de Shuim Shònraichte Shaidheansail, 's e fear de na h-àiteachan tuineachaidh eòin-mhara as motha ann an ceann an iar thuath na Roinn Eòrpa. Tha barrachd air 180,000 eòin-mhara a' tighinn an seo as t-samhradh airson àlachadh. Bidh eòin dubh an sgadain, coltraichean agus fasgadairean mòra a' tighinn an seo ann an àireamhan mòra agus cuideachd seagairean, fasgadairean agus buthaidean. Chithear iomadh gnè eòin eile cuideachd. Tha barrachd air 200 seòrsa lus a' fàs ann, 100 seòrsa còinnich agus mìltean de rabaidean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eilean Shannda

CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas

1890an

eileanan; George Washington Wilson; Banrigh Bhictoria; Lochlannach; Sgobhairidh; bearraidhean; eòin-mhara; pàrlamaid; banrighean; Hiort; goirt; Fiadh-bheatha na h-Alba; eun dubh an sgadain; fasgadairean; coltraichean; buthaidean; lusan

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past