Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Abaid Ì agus Caibeal an Naoimh Òdhrain, mus deach an càradh
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_SCO5301
ÀITE
Ì
SGÌRE
Muile
SIORRACHD/PARRAIST
ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29583
KEYWORDS
George Washington Wilson
abaidean
caibealan
Odhran
cladhan
Ros
Ard Meadhanach
Beinn Mhòr
Colm Cille
manachainnean
Lochlannaich
Martaraich
Ceannanas
Somhairle
Triath nan Eilean
rathad nam Marbh
Iain Mac a' Ghobhainn
Iona Abbey and St Oran's Chapel, prior to restoration

Tha Eilean Ì ri fhaicinn san dealbh seo.Chaidh a thogail leis an fhear-chamara Seòras Washington Wilson (1823-93) a bha a' fuireach ann an Obar Dheathain agus a rinn tòrr siubhail ann an Alba agus thall thairis, a' togail dhealbhan na tìre agus rùm-dorch so-thogail aige. Thog e dealbhan den Bhanrigh Bhictoria agus thug ise dha coimisean gus togail Bhaile Mhoireil a chlàradh.

Ann am meadhan na deilbh chithear Abaid Ì agus air a' bheulaibh tha Caibeal an Naoimh Òrain ann, agus an cladh, Rèilig Odhran, timcheall air.

Thall, thairis air Caolas Ì, tha na h-eileanan beaga creagach, Eilean nam Ban agus Eilean Dubh na Ciste nan laighe agus oirthir an Ros Mhuilich. Air a' chùlaibh tha iar-eilean an Àird Mheadhanaich ann agus tha sgurr àrd na Beinne Mòire ag èirigh fad air falbh, an aon bheinn Rothach (beinn nas àirde na 3,000 troigh) taobh a-muigh an Eilein Sgitheanaich.

Stèidhich am manach Èireannach Colm Cille manachainn ann an eilean Ì ann an 563 AD. Chaidh a' mhanachainn a chreachadh iomadh turas le na Lochlannaich. Ann an aon ruathar, chaidh trì fidhead 's a h-ochd manach a mharbhadh aig Bàgh nam Mairtirean. Tha a h-uile coltas gun deach Leabhar Cheannanais, an làmh-sgrìobhainn dealbhaichte fìor iongantach de na ceithir soisgeulan, a sgrìobhadh an seo ach chaidh a thoirt air ais a dh' Èirinn airson a chumail sàbhailte bho na Lochlannaich borba ud. Ann an 1203 thog Ràghnall no Reginald, mac Shomhairle, Tighearna nan Eilean, abaid de chlaich an àite an togalaich de dh' fhiodh a bh' ann.

Cha mhòr nach deach a thogail às ùr sna 1500an ach, às dèidh an Ath-leasachaidh, thòisich e a' crìonadh.

Chaidh an dealbh seo a thogail beagan mus do thòisich obair leasachaidh air ann an 1902, obair a chaidh air adhart gu 1965.

Tha uallach nan togalaichean an-diugh air Alba Eachdraidheil ach tha muinntir Chomainn Ì a' cumail dhaoine Crìosdaidh ann an-còmhnaidh.

Tha seann fhàisneachd Ghàidhlig a' dèanamh ro-innse, mus tig Là a' Bhreitheanais, gum bi Èirinn agus eilean Ìle fon chuan ach gum bi Eilean Ì os cionn nan tonn.

Bho àm Cholm Chille 's e àite a bha san eilean bhrèagha naomh seo far an tigeadh daoine beò agus na mairbh air turas cràbhaidh. Chaidh dà fhichead 's a h-ochd de rìghrean Alba, ceathrar phrionnsachan Èireannach, ochdnar rìghrean Lochlannach, aon rìgh na Frainge agus iomadach ceann-cinnidh mòr Gàidhealach an giùlan fad Sràid nam Mairbh dhan àite-tàimh dheireannaich aca ann an Rèilig Òdhran. Ann an 1994 chaidh an neach-poiIeataics ainmeil Albannach, Iain Mac a' Ghobhainn, no Iain Mac a' Ghobhainn, ceannard a' phàrtaidh Làbaraich, a thìodhlacadh ann an eilean Ì

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Abaid Ì agus Caibeal an Naoimh Òdhrain, mus deach an càradh

ARGYLL: Kilfinchen and Kilvickeon

1890an

George Washington Wilson; abaidean; caibealan; Odhran; cladhan; Ros; Ard Meadhanach; Beinn Mhòr; Colm Cille; manachainnean; Lochlannaich; Martaraich; Ceannanas; Somhairle; Triath nan Eilean; rathad nam Marbh; Iain Mac a' Ghobhainn

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past