Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgurr na Snàthaid, an t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_SCO5303
ÀITE
A' Chuith-Fhraing
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29585
KEYWORDS
An t-Eilean Sgitheanach
Snàthad
screagan
An Cuiltheann
Beanntan a' Chuilthinn
lochan
Stafain
Ratharsair
Sgurr Mòr
basalt
bearraidhean
Needle Rock, Skye

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

'S e àite sònraichte, faisg air Ùig, a tharraingeas aire dhaoine, a tha sa Chuith-Fhraing. Tha i sia mìle air falbh thairis air rathad uamharraidh garbh, a' mhìle mu dheireadh na fhrìth-rathad a tha glè chas. Far an tèid thu a-steach don Chuith-Fhraing tha "An t-Snàthad", binnean a tha 120 troighean a dh' àirde, agus am fìith-rathad a' dol seachad suas gu rèidhlean feurach, air a bheil a' Chuith-Fhraing, ged nach eil fhios cò às a thàinig an t-ainm. Tha an rèidhlean seo, cho mòr cho còmhnard ri uachdar bùird agus measgachadh de bhinneanan, creagan is tùir do-chreidsinneach mu thimcheall. Tha iad seo gu math coltach ri bailtean air an sgrios, agus nuair a bhios iad letheach falaichte, ann an trusgan de cheò is uisge, tha iad a' cur nad chuimhne bùrach de chlachan-togail mòra, neònach. Coltach ris a' Chuiltheann cha mhòr gun gabh sealladh na Cuith-Fhraing a chur ann am faclan; chan eil tuairisgeul a chaidh a sgrìobhadh fhathast a' toirt beachd air na feartan aca. Tro bheàrnan sna sgoran, air latha àlainn, chithear boillsgeagan iongantach de sheallaidhean-tìre mu Loch Stafainn - bàgh a tha na laighe dìreach fon Chuith-Fhraing. Ma tha an latha soilleir, chithear eileanan Rònaigh is Ratharsair agus sreath fada de thìr-mòr. Tha an Sgobhair Mòr ag èirigh 1774 troig os cionn na mara, agus air a shlèibhtean, tha creagan na Cuith-Fhraing air an sgapadh. Tha sgurran de chreig-bhasalt air an sgapadh airt feadh na h-aghaidh an ear. Bhon mhuir tha coltas làraichean sgriosta de bhaile mhòr air na sgurran sgàinte seo agus tha iad a' fàgail sealladh iongantach aig an luchd-amhairc

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgurr na Snàthaid, an t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1890an

An t-Eilean Sgitheanach; Snàthad; screagan; An Cuiltheann; Beanntan a' Chuilthinn; lochan; Stafain; Ratharsair; Sgurr Mòr; basalt; bearraidhean

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> 'S e àite sònraichte, faisg air Ùig, a tharraingeas aire dhaoine, a tha sa Chuith-Fhraing. Tha i sia mìle air falbh thairis air rathad uamharraidh garbh, a' mhìle mu dheireadh na fhrìth-rathad a tha glè chas. Far an tèid thu a-steach don Chuith-Fhraing tha "An t-Snàthad", binnean a tha 120 troighean a dh' àirde, agus am fìith-rathad a' dol seachad suas gu rèidhlean feurach, air a bheil a' Chuith-Fhraing, ged nach eil fhios cò às a thàinig an t-ainm. Tha an rèidhlean seo, cho mòr cho còmhnard ri uachdar bùird agus measgachadh de bhinneanan, creagan is tùir do-chreidsinneach mu thimcheall. Tha iad seo gu math coltach ri bailtean air an sgrios, agus nuair a bhios iad letheach falaichte, ann an trusgan de cheò is uisge, tha iad a' cur nad chuimhne bùrach de chlachan-togail mòra, neònach. Coltach ris a' Chuiltheann cha mhòr gun gabh sealladh na Cuith-Fhraing a chur ann am faclan; chan eil tuairisgeul a chaidh a sgrìobhadh fhathast a' toirt beachd air na feartan aca. Tro bheàrnan sna sgoran, air latha àlainn, chithear boillsgeagan iongantach de sheallaidhean-tìre mu Loch Stafainn - bàgh a tha na laighe dìreach fon Chuith-Fhraing. Ma tha an latha soilleir, chithear eileanan Rònaigh is Ratharsair agus sreath fada de thìr-mòr. Tha an Sgobhair Mòr ag èirigh 1774 troig os cionn na mara, agus air a shlèibhtean, tha creagan na Cuith-Fhraing air an sgapadh. Tha sgurran de chreig-bhasalt air an sgapadh airt feadh na h-aghaidh an ear. Bhon mhuir tha coltas làraichean sgriosta de bhaile mhòr air na sgurran sgàinte seo agus tha iad a' fàgail sealladh iongantach aig an luchd-amhairc