Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taighean chroitearan, an t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_SCO6012
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29588
KEYWORDS
taighean
dachannan
taigh-croite
An t-Eilean Sgitheanach
feircean
mòine
bàthach
croitearan
crummy
eòin
Crofters Houses, Skye

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

Tha blas de bheatha Robinson Crusoe ann an dachaigh mar seo, ach bhiodh blasad de dh' aimsir an Eilein Sgitheanaich agus dìth na cofhurtachd a dhèigheadh na chois, a' cur ruaig air tlachd sam bith ann a bhith a' fuireach ann an dachaigh mar seo. Chan eil an taigh àbhaisteach air a' Ghàidhealtachd an iar na shàr-thogalach, agus tha e fosgailte don ghaoith agus an-còmhnaidh a' leigeil a-steach an uisge. Tha feircin beag sgadain gun tòn, air a phutadh air a' mhullach, a' seasamh mar shimilear, ach bidh ceò gorm na mònach a' seachnadh an fhosglaidh seo agus a' sruthadh a-mach gu pailt às an doras agus às na cùiltean sa bhalla agus sa mhullach. Chan ann tric a tha solas na bhroinn. 'S ann bho dheàrrsadh dearg teine na mònach, air a bheil prais mhòr a' goil, a tha na th' ann de sholas a' tighinn agus chan ann bhon leòsan chumhang le a chearcall de dh' uaine mar ghlainne botail. Tha na cabair, air a bheil am mullach na laighe, dubh agus gleansach le sùith. Chan eil ach glè bheag de dh' àite cadail ann. 'S e talamh cruaidh a th' anns an ùrlar; chan eil mòran àirneis ann, fiù 's sèathar, agus tha stùil is ulpagan, a th' air an lìomhadh le cleachdadh iomadh ginealaich, a' dèanamh a' chùis na àite. Mar as trice tha an doras a' fosgladh a-steach dhan bhàthaich, a tha air a sgaradh on rùm-fuirich le còmhla ìseal, mòr gu leòr gus "crummy" a chumail a-mach, agus bidh cearcan is eile a' gogadaich mun cuairt agus a' dearbhadh an co-sheasamh ris a' chroitear agus a theaghlach; tha an dorchadas san rùm as fhaide a-muigh buileach gun sholas, ach dìreach taobh a-muigh an dorais, agus mar as àbhaist a-muigh tha lad no lòn de dh' uisge loibht' ann le droch bholadh bhuaithe anns a bheil a dhà no trì thunnagan salach a' ludradh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taighean chroitearan, an t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS

1890an

taighean; dachannan; taigh-croite; An t-Eilean Sgitheanach; feircean; mòine; bàthach; croitearan; crummy; eòin

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> Tha blas de bheatha Robinson Crusoe ann an dachaigh mar seo, ach bhiodh blasad de dh' aimsir an Eilein Sgitheanaich agus dìth na cofhurtachd a dhèigheadh na chois, a' cur ruaig air tlachd sam bith ann a bhith a' fuireach ann an dachaigh mar seo. Chan eil an taigh àbhaisteach air a' Ghàidhealtachd an iar na shàr-thogalach, agus tha e fosgailte don ghaoith agus an-còmhnaidh a' leigeil a-steach an uisge. Tha feircin beag sgadain gun tòn, air a phutadh air a' mhullach, a' seasamh mar shimilear, ach bidh ceò gorm na mònach a' seachnadh an fhosglaidh seo agus a' sruthadh a-mach gu pailt às an doras agus às na cùiltean sa bhalla agus sa mhullach. Chan ann tric a tha solas na bhroinn. 'S ann bho dheàrrsadh dearg teine na mònach, air a bheil prais mhòr a' goil, a tha na th' ann de sholas a' tighinn agus chan ann bhon leòsan chumhang le a chearcall de dh' uaine mar ghlainne botail. Tha na cabair, air a bheil am mullach na laighe, dubh agus gleansach le sùith. Chan eil ach glè bheag de dh' àite cadail ann. 'S e talamh cruaidh a th' anns an ùrlar; chan eil mòran àirneis ann, fiù 's sèathar, agus tha stùil is ulpagan, a th' air an lìomhadh le cleachdadh iomadh ginealaich, a' dèanamh a' chùis na àite. Mar as trice tha an doras a' fosgladh a-steach dhan bhàthaich, a tha air a sgaradh on rùm-fuirich le còmhla ìseal, mòr gu leòr gus "crummy" a chumail a-mach, agus bidh cearcan is eile a' gogadaich mun cuairt agus a' dearbhadh an co-sheasamh ris a' chroitear agus a theaghlach; tha an dorchadas san rùm as fhaide a-muigh buileach gun sholas, ach dìreach taobh a-muigh an dorais, agus mar as àbhaist a-muigh tha lad no lòn de dh' uisge loibht' ann le droch bholadh bhuaithe anns a bheil a dhà no trì thunnagan salach a' ludradh