Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tairbeart na Hearadh
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_SCO6055
ÀITE
An Tairbeart
SGÌRE
Na Hearadh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na Hearadh
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29589
KEYWORDS
George Washington Wilson
Lochlannais
bàtaichean fada
bailtean
tuineachadh
calachan
aiseagan
clò
Tarbert, Harris

Tha Tairbeart na Hearadh ri fhaicinn san dealbh seo. Chaidh a thogail leis an fhear-chamara Seòras Washington Wilson (1823-93) a bha a' fuireach ann an Obar Dheathain agus a rinn tòrr siubhail ann an Alba agus thall thairis, a' togail dhealbhan na tìre agus rùm-dorch so-thogail aige. Thog e dealbhan den Bhanrigh Bhictoria agus thug ise dha coimisean gus togail Bhaile Mhoireil a chlàradh.

'S e an Tairbeart am baile as motha sna Hearadh. Tha an t-ainm a' tighinn bhon Lochlannais airson "tarraing bàta" agus a' buntainn ris an rubha chaol a tha a' sgaradh Loch an Tairbeairt an Ear agus an Iar, a tha, cha mhòr, a' roinn na Hearadh gu Deas is gu Tuath ann an dà eilean, rubha far an gabhadh bàta fada draghadh tarsainn. Tha a' chuid as motha den bhaile, a chaidh a stèidheachadh bho thùs na bhaile iasgaich, na shuidhe air an Loch an Ear far a bheil cala, ceann-uidhe aiseag Ùig an Eilein Sgitheanaich agus àite reic airson gnìomhachas a' Chlò Hearaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tairbeart na Hearadh

INBHIR NIS: Na Hearadh

1890an

George Washington Wilson; Lochlannais; bàtaichean fada; bailtean; tuineachadh; calachan; aiseagan; clò

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Tha Tairbeart na Hearadh ri fhaicinn san dealbh seo. Chaidh a thogail leis an fhear-chamara Seòras Washington Wilson (1823-93) a bha a' fuireach ann an Obar Dheathain agus a rinn tòrr siubhail ann an Alba agus thall thairis, a' togail dhealbhan na tìre agus rùm-dorch so-thogail aige. Thog e dealbhan den Bhanrigh Bhictoria agus thug ise dha coimisean gus togail Bhaile Mhoireil a chlàradh.<br /> <br /> 'S e an Tairbeart am baile as motha sna Hearadh. Tha an t-ainm a' tighinn bhon Lochlannais airson "tarraing bàta" agus a' buntainn ris an rubha chaol a tha a' sgaradh Loch an Tairbeairt an Ear agus an Iar, a tha, cha mhòr, a' roinn na Hearadh gu Deas is gu Tuath ann an dà eilean, rubha far an gabhadh bàta fada draghadh tarsainn. Tha a' chuid as motha den bhaile, a chaidh a stèidheachadh bho thùs na bhaile iasgaich, na shuidhe air an Loch an Ear far a bheil cala, ceann-uidhe aiseag Ùig an Eilein Sgitheanaich agus àite reic airson gnìomhachas a' Chlò Hearaich