Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Loch an Iar Tairbeart na Hearadh
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_SCO6062
ÀITE
An Tairbeart
SGÌRE
Na Hearadh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na Hearadh
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29590
KEYWORDS
lochan
Beàrnaraigh
cromleacan
Leodhas
An t-Eilean Fada
West Loch Tarbert, Harris

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

A' fàgail Loch Bheàrnaraigh agus a leacan cloiche, no cromleacan, air chùl, agus a' dol seachad air a' chrìch eadar Leòdhas agus na Hearadh, 's e an ath fhosgladh air a' chost Loch an Iar an Tairbeairt , a tha gu math fada a-staigh agus air a sgaradh bhon Loch an Ear dhen aon ainm le pìos de thìr glè chumhang. Tha maraireachd an dà loch seo air a dhèanamh glè chama-lubach le creagan is eileanan. Cha mhòr gun gabh fàsach nas dòrainniche a thoirt dhan inntinn na sealladh farsaing dhen Eilean Fhada agus an sgìre le na beanntan a' nochdadh barrachd de chreig luim agus de bhoglach dhubh na ghabhas fhaicinn, 's dòcha, an àite sam bith eile ann an Alba

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Loch an Iar Tairbeart na Hearadh

INBHIR NIS: Na Hearadh

1890an

lochan; Beàrnaraigh; cromleacan; Leodhas; An t-Eilean Fada

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> A' fàgail Loch Bheàrnaraigh agus a leacan cloiche, no cromleacan, air chùl, agus a' dol seachad air a' chrìch eadar Leòdhas agus na Hearadh, 's e an ath fhosgladh air a' chost Loch an Iar an Tairbeairt , a tha gu math fada a-staigh agus air a sgaradh bhon Loch an Ear dhen aon ainm le pìos de thìr glè chumhang. Tha maraireachd an dà loch seo air a dhèanamh glè chama-lubach le creagan is eileanan. Cha mhòr gun gabh fàsach nas dòrainniche a thoirt dhan inntinn na sealladh farsaing dhen Eilean Fhada agus an sgìre le na beanntan a' nochdadh barrachd de chreig luim agus de bhoglach dhubh na ghabhas fhaicinn, 's dòcha, an àite sam bith eile ann an Alba