Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caol Mhuile agus Ad a' Chìobair
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6357
ÀITE
Caol Muile
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29592
KEYWORDS
bàghan
cost an iar
caolais
An t-Òban
Cearara
beanntan
Eilean Mhuile
Ìnnse Gall
Sound of Mull and Shepherd's Hat

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

Bho na h-àirdean os cionn bàgh brèagha an Òbain, air fear feasgar a tha cho sònraichte sa Chost an Iar, tha sealladh fìor mhòrail ann. Romhad tha Caol Mhuile, a' deàrrsadh sa ghrèin, air a bhriseadh suas an siud 's an seo le na creagan air taobh an iar Chearara, agus Ad a' Chìobair gu follaiseach nam measg. Astar air falbh, far a bheil coltas gu bheil muir is adhar a' coinneachadh, tha beanntan Mhuile nan seasamh a-mach gu gaisgeil, agus na sgòthan gu h-àrd a' sgaoileadh caochladh dhathan nach gabh samhlachadh le làimh. Seachad air an t-sealladh bhrèagha seo tha na h-eileanan air nach eil fios aig mòran dhaoine, eileanan Ìnnse Gall

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caol Mhuile agus Ad a' Chìobair

EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde

1890an

bàghan; cost an iar; caolais; An t-Òban; Cearara; beanntan; Eilean Mhuile; Ìnnse Gall

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> Bho na h-àirdean os cionn bàgh brèagha an Òbain, air fear feasgar a tha cho sònraichte sa Chost an Iar, tha sealladh fìor mhòrail ann. Romhad tha Caol Mhuile, a' deàrrsadh sa ghrèin, air a bhriseadh suas an siud 's an seo le na creagan air taobh an iar Chearara, agus Ad a' Chìobair gu follaiseach nam measg. Astar air falbh, far a bheil coltas gu bheil muir is adhar a' coinneachadh, tha beanntan Mhuile nan seasamh a-mach gu gaisgeil, agus na sgòthan gu h-àrd a' sgaoileadh caochladh dhathan nach gabh samhlachadh le làimh. Seachad air an t-sealladh bhrèagha seo tha na h-eileanan air nach eil fios aig mòran dhaoine, eileanan Ìnnse Gall