Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tobar Mhoire
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6359
ÀITE
Tobar Mhoire
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Ninnein 's Cille Mhoire
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29594
KEYWORDS
bàtaichean-smùide
cìs
Rudha nan Gall
taighean-solais
Bàgh na Fala
Alasdair Crotach
Dùn Bheagan
Rubha Aird nam Murchan
Atlantaig
blàir
eileanan
Colla
Eilean nam Muc
beanntan
Eige, Rùm
An Cuiltheann
An t-Eilean Sgitheanach
Tobermory

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

Nuair a thèid am bàta-smùide a-steach do bhàgh bhrèagha Thobair Mhoire, 's e sealladh tlachdmhor a tha sa bhaile bheag le a leth-chearcall de thaighean geala, le barraidean air a' chnoc air a' chùl air a bheil taighean mòra nan suidhe agus badan dorcha giuthais ri an taobh - tha an cridhe agus an t-sùil air an glacadh sa mhionaid. Mar as àbhaist bidh am bàta a' fuireach an seo greis a' cur bathar air tìr. Fàsaidh duine sgìth a' coimhead air an obair seo, agus is fheàrr cìs a' chidhe a phàigheadh agus sùil a thoirt mun cuairt feuch a bheil am baile cho tlachdmhor faisg air làimh; mura bheil, tha iomadh cuairt ann tro choille is seachad air eas air falbh bho ghlagadaich nan crann-smùide agus èigheachd sa Ghàidhlig an luchd-giùlain. An dèidh Tobar Mhoire fhàgail, thèid sinn seachad air taigh-solais Rubha nan Gall, agus an iar air seo, tha Bàgh na Fala, far an deach Alasdair Crotach Dùn Bheagain, mac crotach (le croit air a dhruim) Uilleim, ceannard Chlann Ic Leòid, a mharbhadh ann am batal ann an 1493. 'S e an ath ionad inntinneach Rubha Àird nam Murchan, an tìr as fhaide dhan iar air tìr-mòr Bhreatainn, far a bheil, air latha gaothach, suaile a' Chuain Shiar a' dearbhadh dè cho math 's a tha iomadh neach-turais air a' mhuir. An iar air ceann an rubha tha eilean ìseal Cholla na laighe, is eilean nam Muc dhan iar thuath, a bharrachd air beanntan bideanach Eilean Rùm agus balla fada Sgurr Eige. Eadar eileanan Eige is Rùm, chithear mullaichean a' Chuiltheann san Eilean Sgitheanach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tobar Mhoire

EARRA-GHÀIDHEAL: Cill Ninnein 's Cille Mhoire

1890an

bàtaichean-smùide; cìs; Rudha nan Gall; taighean-solais; Bàgh na Fala; Alasdair Crotach; Dùn Bheagan; Rubha Aird nam Murchan; Atlantaig; blàir; eileanan; Colla; Eilean nam Muc; beanntan; Eige, Rùm; An Cuiltheann; An t-Eilean Sgitheanach

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> Nuair a thèid am bàta-smùide a-steach do bhàgh bhrèagha Thobair Mhoire, 's e sealladh tlachdmhor a tha sa bhaile bheag le a leth-chearcall de thaighean geala, le barraidean air a' chnoc air a' chùl air a bheil taighean mòra nan suidhe agus badan dorcha giuthais ri an taobh - tha an cridhe agus an t-sùil air an glacadh sa mhionaid. Mar as àbhaist bidh am bàta a' fuireach an seo greis a' cur bathar air tìr. Fàsaidh duine sgìth a' coimhead air an obair seo, agus is fheàrr cìs a' chidhe a phàigheadh agus sùil a thoirt mun cuairt feuch a bheil am baile cho tlachdmhor faisg air làimh; mura bheil, tha iomadh cuairt ann tro choille is seachad air eas air falbh bho ghlagadaich nan crann-smùide agus èigheachd sa Ghàidhlig an luchd-giùlain. An dèidh Tobar Mhoire fhàgail, thèid sinn seachad air taigh-solais Rubha nan Gall, agus an iar air seo, tha Bàgh na Fala, far an deach Alasdair Crotach Dùn Bheagain, mac crotach (le croit air a dhruim) Uilleim, ceannard Chlann Ic Leòid, a mharbhadh ann am batal ann an 1493. 'S e an ath ionad inntinneach Rubha Àird nam Murchan, an tìr as fhaide dhan iar air tìr-mòr Bhreatainn, far a bheil, air latha gaothach, suaile a' Chuain Shiar a' dearbhadh dè cho math 's a tha iomadh neach-turais air a' mhuir. An iar air ceann an rubha tha eilean ìseal Cholla na laighe, is eilean nam Muc dhan iar thuath, a bharrachd air beanntan bideanach Eilean Rùm agus balla fada Sgurr Eige. Eadar eileanan Eige is Rùm, chithear mullaichean a' Chuiltheann san Eilean Sgitheanach