Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eige
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6360
ÀITE
Eige
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29595
KEYWORDS
eileanan
sgurr sgor
uaimhean
creachadh
spùinneadh
Ceiltich
Clann Dòmhnaill
cnàimhnich
murt
losgadh
uamh Fhrancais
Eigg

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

'S e eilean Eige an t-eilean as annasaiche ann am muir Bhreatainn. Tha an Sgurr ag èirigh gu àirde 1272 troighean, agus mar a chì thu e bhon deic air an t-soithich, 's e cùis-uabhais a th' ann. San eilean seo tha uamh iongantach, far an do thachair gnìomh cho eagalach 's a chaidh innse ann an eachdraidh Alba. Tha doras na h-uamha seo aig bonn sgor faisg air tràigh earra-dheas an eilein, agus cha mhòr gum faigh ach aon duine air snàgail troimhe. Tha broinn na h-uamha fìor àrd is mòr, 260 troighean a dh' fhaid, 27tr a leud, 20tr a dh' àirde agus a h-uile coltas gun deach a chnàmh a-mach le obair nan tonn. Mu 230 bliadhna air ais, thàinig buidheann de Chlann Ic Leòid às an Eilean Sgitheanach air tìr air chuairt creachaidh ach chaidh an glacadh, an ceangal agus an cur air falbh ann am bàta. Le bhith ag àrach gràin is dìoghaltais, feartan a bha na Ceiltich a' faicinn nam buadhan, thàinig iad air ais le grunnan dhaoine gus muinntir Eige a chur ris a' chlaidheimh. Ach theich iadsan gu Uamh Fhrancais, agus bhiodh iad air a bhith sàbhailte an sin mura biodh duine air a dhol a-mach ro thràth feuch am faiceadh e dè bha an nàmhaid ris. Thill e dhan uaimh agus dh' innis e do chàch gun deach teine a chur ri taighean Eige. Bha fir MhicLeòid uile aig na bàtaichean agus an impis tilleadh dhachaigh nuair a chunnaic iad fear MhicDhòmhnaill, a thàinig às an uaimh, a' gluasad air loidhne fàire an Sgurra. Rinn fras shneachda e furasta dhaibh lorgan a chasan a leantainn gu doras na h-uamha, far an do thog iad càrn de rudan a losgadh, aig beul na h-uamha agus chuir iad teine ris gus nach fhaigheadh na daoine bochda às. Mu dheireadh bhàsaich iad a' tachdadh leis a' cheò, agus tha e coltach gun do chaill 200 de na Dòmhnallaich am beatha san uaimh sin, agus bha fhathast 67 cnàimhneach ann gu chionn glè ghoirid

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eige

INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga

1890an

eileanan; sgurr sgor; uaimhean; creachadh; spùinneadh; Ceiltich; Clann Dòmhnaill; cnàimhnich; murt; losgadh; uamh Fhrancais

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> 'S e eilean Eige an t-eilean as annasaiche ann am muir Bhreatainn. Tha an Sgurr ag èirigh gu àirde 1272 troighean, agus mar a chì thu e bhon deic air an t-soithich, 's e cùis-uabhais a th' ann. San eilean seo tha uamh iongantach, far an do thachair gnìomh cho eagalach 's a chaidh innse ann an eachdraidh Alba. Tha doras na h-uamha seo aig bonn sgor faisg air tràigh earra-dheas an eilein, agus cha mhòr gum faigh ach aon duine air snàgail troimhe. Tha broinn na h-uamha fìor àrd is mòr, 260 troighean a dh' fhaid, 27tr a leud, 20tr a dh' àirde agus a h-uile coltas gun deach a chnàmh a-mach le obair nan tonn. Mu 230 bliadhna air ais, thàinig buidheann de Chlann Ic Leòid às an Eilean Sgitheanach air tìr air chuairt creachaidh ach chaidh an glacadh, an ceangal agus an cur air falbh ann am bàta. Le bhith ag àrach gràin is dìoghaltais, feartan a bha na Ceiltich a' faicinn nam buadhan, thàinig iad air ais le grunnan dhaoine gus muinntir Eige a chur ris a' chlaidheimh. Ach theich iadsan gu Uamh Fhrancais, agus bhiodh iad air a bhith sàbhailte an sin mura biodh duine air a dhol a-mach ro thràth feuch am faiceadh e dè bha an nàmhaid ris. Thill e dhan uaimh agus dh' innis e do chàch gun deach teine a chur ri taighean Eige. Bha fir MhicLeòid uile aig na bàtaichean agus an impis tilleadh dhachaigh nuair a chunnaic iad fear MhicDhòmhnaill, a thàinig às an uaimh, a' gluasad air loidhne fàire an Sgurra. Rinn fras shneachda e furasta dhaibh lorgan a chasan a leantainn gu doras na h-uamha, far an do thog iad càrn de rudan a losgadh, aig beul na h-uamha agus chuir iad teine ris gus nach fhaigheadh na daoine bochda às. Mu dheireadh bhàsaich iad a' tachdadh leis a' cheò, agus tha e coltach gun do chaill 200 de na Dòmhnallaich am beatha san uaimh sin, agus bha fhathast 67 cnàimhneach ann gu chionn glè ghoirid