Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Armadail
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6361
ÀITE
Armadal
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Slèite
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29596
KEYWORDS
An Cuiltheann
Beanntan a' Chuilthinn
caolais
Slèite
stiomairean
caistealan
Tighearna nan Eilean
Dòmhnallaich
An t-Eilean Sgitheanach
rcroitearan
croitearachd
crann
coirce
min
flùr
buntàta
feamainn
Mac a' Bhiuthainn
Armadale Castle

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

An dèidh Eige fhàgail tha mullaichean a' Chuiltheann a' seasamh a-mach gu follaiseach, agus dìreach mus tèid e a-steach do Chaolas Shlèite, tha an stìomair a' stad mu choinneimh Caisteal Armadail, àite-còmhnaidh an fhir a tha bho shliochd dhìreach Thighearna nan Eilean - am Morair MacDhòmhnaill. Tha an caisteal seo air a chuairteachadh le gàrraidhean air nach toir gin san dùthaich bàrr, agus nuair a chì thu sealladh tro na craobhan eireachdail seo air a' Chaisteal fhèin, taigh àlainn le coltas ùr-nòs air, ag èirigh bho rèidhleanan feòir lom, tha e duilich dhut a chreidsinn gur e seo an t-Eilean Sgitheanach. Beagan mhìltean bhuat gu taobh a tuath sgìre mhòr de mhòintich, agus mu mhìle gu leth air falbh an taobh eile, tha àireamh de dhachaighean bochda aig croitearan le talamh truagh mun cuairt orra, far a bheil na màladairean a' cur gu feum cas-chrom agus nas urrainn dhaibh de dh' fheamainn a ghiùlan bhon tràigh, gus am fàs iad beagan coirce is buntàta. Tha dàimh ris an tìr ann an seo, mar a tha sa h-uile h-àite eile anns am bi am bàta-smùide a' stad, air a chumail suas le bàtaichean aiseig fo stiùireadh a' mhaoir aig Mgr Mac a' Bhriuthainn, a tha cuideachd a' dèiligeadh ris a' chlàr-ama agus aig a bheil uile fios air gnothaichean nam bàtaichean. An dèidh an t-Òban fhàgail, tha iomadh stad air a dhèanamh san aon dòigh, 's e sin gu bheil bàta beag air a thoirt gu cliathaich an t-soithich, agus air a cheangal, agus le facal no dhà sa Ghàidhlig, tha glagarsaich a' chrainn-cheò a' tòiseachadh agus a' cumail a' dol fhad 's a bhios bogsaichean, barraillean, pocannan coirce, pocannan min-fhlùir agus buntàta air an taomadh a-steach ann an dòigh gu math coma co-dhiù, gus am bi srainnsear dhen bheachd gur dòcha gun deaghadh am bàta fodha. Sa bhad, tha dithis no triùir a' nochdadh air mullach a' bhàta, a tha loma-làn mar-thà, agus, an dèidh abairt no dhà sa Ghàidhlig eatorra, tha an sgriubha a' tòiseachadh agus ann an ùine glè ghoirid bidh am bàta beag agus a luchd air fhàgail air chùl 's iad ag iomramh gu tràigh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Armadail

INBHIR NIS: Slèite

1890an

An Cuiltheann; Beanntan a' Chuilthinn; caolais; Slèite; stiomairean; caistealan; Tighearna nan Eilean; Dòmhnallaich; An t-Eilean Sgitheanach; rcroitearan; croitearachd; crann; coirce; min; flùr; buntàta; feamainn; Mac a' Bhiuthainn

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> An dèidh Eige fhàgail tha mullaichean a' Chuiltheann a' seasamh a-mach gu follaiseach, agus dìreach mus tèid e a-steach do Chaolas Shlèite, tha an stìomair a' stad mu choinneimh Caisteal Armadail, àite-còmhnaidh an fhir a tha bho shliochd dhìreach Thighearna nan Eilean - am Morair MacDhòmhnaill. Tha an caisteal seo air a chuairteachadh le gàrraidhean air nach toir gin san dùthaich bàrr, agus nuair a chì thu sealladh tro na craobhan eireachdail seo air a' Chaisteal fhèin, taigh àlainn le coltas ùr-nòs air, ag èirigh bho rèidhleanan feòir lom, tha e duilich dhut a chreidsinn gur e seo an t-Eilean Sgitheanach. Beagan mhìltean bhuat gu taobh a tuath sgìre mhòr de mhòintich, agus mu mhìle gu leth air falbh an taobh eile, tha àireamh de dhachaighean bochda aig croitearan le talamh truagh mun cuairt orra, far a bheil na màladairean a' cur gu feum cas-chrom agus nas urrainn dhaibh de dh' fheamainn a ghiùlan bhon tràigh, gus am fàs iad beagan coirce is buntàta. Tha dàimh ris an tìr ann an seo, mar a tha sa h-uile h-àite eile anns am bi am bàta-smùide a' stad, air a chumail suas le bàtaichean aiseig fo stiùireadh a' mhaoir aig Mgr Mac a' Bhriuthainn, a tha cuideachd a' dèiligeadh ris a' chlàr-ama agus aig a bheil uile fios air gnothaichean nam bàtaichean. An dèidh an t-Òban fhàgail, tha iomadh stad air a dhèanamh san aon dòigh, 's e sin gu bheil bàta beag air a thoirt gu cliathaich an t-soithich, agus air a cheangal, agus le facal no dhà sa Ghàidhlig, tha glagarsaich a' chrainn-cheò a' tòiseachadh agus a' cumail a' dol fhad 's a bhios bogsaichean, barraillean, pocannan coirce, pocannan min-fhlùir agus buntàta air an taomadh a-steach ann an dòigh gu math coma co-dhiù, gus am bi srainnsear dhen bheachd gur dòcha gun deaghadh am bàta fodha. Sa bhad, tha dithis no triùir a' nochdadh air mullach a' bhàta, a tha loma-làn mar-thà, agus, an dèidh abairt no dhà sa Ghàidhlig eatorra, tha an sgriubha a' tòiseachadh agus ann an ùine glè ghoirid bidh am bàta beag agus a luchd air fhàgail air chùl 's iad ag iomramh gu tràigh