Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Port Rìgh, an t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6364
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29598
KEYWORDS
bàtaichean-smùide
caolais
puirt
bailtean
Port Ruighe
cidheachan
taighean
Gàidheil
An t-Eilean Sgitheanach
luchd-turais
croirtearan
strì
Portree, Skye

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

An dèidh seòladh astar beag suas an Linne, tha an t-soitheach a' dol a-steach eadar na maoil mhòra a tha a' dìon inntrigeadh Phort Rìgh. Tha am baile, mar a chì thu e bhon chidhe, a' gabhail a-steach dà bhuidheann ioma-chruthach de thaighean geala. Tha an aon bhuidheann ag èirigh gu cas os cionn a' bhuidhinn eile, timcheall air a' bhàgh eireachdail aig a bheil sgorran creagach a' toirt fasgaidh do bheul a' bhàigh. Beagan air falbh, tha na taighean cho geal ri sligean agus as t-samhradh, nuair a tha iad nan laighe am meadhan duillich a tha fìor ghorm, tha an sealladh air leth brèagha.

Aig a' chidhe, 's dòcha gum mothaich sibh do charactar neo-thuigseach an fhìor Ghàidheil. Air sàilleabh gur e teachd a' bhàta-smùide an rud as cudromaiche san latha, tha a' chuid as motha den fheadhainn aig nach eil cus ri dhèanamh, a' cruinneachadh aig a' chidhe, agus gu nàdarra shaoileadh tu gun gabhadh iad ùidh anns na tha a' dol; ach cha ghabh! Chuireadh an Gàidheal a dhruim ri nàmhaid a cheart cho luath 's a shealladh e gun robh a' gabhail iongantas ann an rud sam bith.

Dhan luchd-turais, chan eil coltas neò-abhaisteach sam bith air an àite, ach tha a h-uile càil san t-saoghal seo ann an co-choimeas, agus 's e Port Rìgh prìomh bhaile an Eilein Sgitheanaich. Chan eil an neach-turais a' tadhal fada sa bhaile, ach taobh a-staigh astar glè bheag, lorgaidh e iomadh cuspair a tha co-dhiù gu math inntinneach ged nach biodh e buileach sònraichte.

Mar a bhrosnaich reubaltachd nan croitearan aire dhaoine air feadh na dùthcha ach nach tàinig cus fios earbsachail às d' a rèir, 's dòcha gum bi beagan fiosrachasidh an seo mu na croitearan 's an taighean inntinneach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Port Rìgh, an t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Port Rìgh

1890an

bàtaichean-smùide; caolais; puirt; bailtean; Port Ruighe; cidheachan; taighean; Gàidheil; An t-Eilean Sgitheanach; luchd-turais; croirtearan; strì

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past