Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Feadhainn sna ceithir ficheadan às an Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6368
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29602
KEYWORDS
glainnead
laoich
Fisherfield
MacDhòmhnaill
MacLeòid
Ceilteach
Lochlannach
Tighearna nan Eilean
rìghrean
pòsadh
biodagan
caistealan
Dùn Bheagan
drochaidean togail
prìosan
Skye Octogenarians

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

Tha e coltach nach eil beatha air a' Ghàidhealtachd idir cho mì-fhallain, ged nach bi laghan glainnid air an leantainn, mas urrainn dhuinn a mheas bhon àireamh de sheann daoine a chithear a' dol mun cuairt. Tha an dà laoch, an dithis aca barrachd air ceithir fichead bliadhna a dh' aois, agus a tha a' fuireach aig Fisherfield ann am Port Rìgh, nam fìor eisimpleirean de Ghàidheil cheart, fhialaidh, uasal, aoigheil; tha a' bheus mu dheireadh seo gu h-àraid follaiseach am measg nan seann daoine agus ged a tha iad caran diùid ri srainnsearan, an duine a ghabhas an dragh fàs eòlach orra agus tighinn is a' falbh nam measg, gheibh e a-mach gum b' fhiach e dha a' bheus seo a leantainn dha fhèin.

'S e na h-ainmean as cudromaiche san Eilean, MacDhòmhnaill agus MacLeòid. Tha an dà ainm seo fìor aosta, agus tha e a cheart cho doirbh tùsan nan ainm ann an eachdraidh a lorg 's a tha e an tùs aig an Abhainn Nìl ann am fàsaichean Meadhan Afraga a lorg. Tha iad a' tuigsinn gur e fìor ainm Ceilteach a bh' ann am MacDhòmhnaill bho thùs. 'S e fear Lochlannach a bh' ann am MacLeòid bho thùs. Bha MacDhòmhnaill na Thighearna nan Eilean, agus barrachd air aon turas bha e claidheamh-ri-claidheamh ri rìghrean Alba. Bu tric a bhiodh pòsaidhean eadar an dà theaghlach agus bhiodh iad a' sabaid a chèile na bu thrice buileach. Chuir iad fàinneachan pòsaidh air làmhan a chèile agus biodagan ann an cridheachan a chèile. Tha caisteal ùr MhicDhòmhnaill ann an Armadal, agus seann daingneachd MhicLeòid ann an Dùn Bheagan le drochaid-thogail agus tuill phrìosanach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Feadhainn sna ceithir ficheadan às an Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS

1890an

glainnead; laoich; Fisherfield; MacDhòmhnaill; MacLeòid; Ceilteach; Lochlannach;Tighearna nan Eilean; rìghrean; pòsadh; biodagan; caistealan; Dùn Bheagan; drochaidean togail; prìosan

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> Tha e coltach nach eil beatha air a' Ghàidhealtachd idir cho mì-fhallain, ged nach bi laghan glainnid air an leantainn, mas urrainn dhuinn a mheas bhon àireamh de sheann daoine a chithear a' dol mun cuairt. Tha an dà laoch, an dithis aca barrachd air ceithir fichead bliadhna a dh' aois, agus a tha a' fuireach aig Fisherfield ann am Port Rìgh, nam fìor eisimpleirean de Ghàidheil cheart, fhialaidh, uasal, aoigheil; tha a' bheus mu dheireadh seo gu h-àraid follaiseach am measg nan seann daoine agus ged a tha iad caran diùid ri srainnsearan, an duine a ghabhas an dragh fàs eòlach orra agus tighinn is a' falbh nam measg, gheibh e a-mach gum b' fhiach e dha a' bheus seo a leantainn dha fhèin.<br /> <br /> 'S e na h-ainmean as cudromaiche san Eilean, MacDhòmhnaill agus MacLeòid. Tha an dà ainm seo fìor aosta, agus tha e a cheart cho doirbh tùsan nan ainm ann an eachdraidh a lorg 's a tha e an tùs aig an Abhainn Nìl ann am fàsaichean Meadhan Afraga a lorg. Tha iad a' tuigsinn gur e fìor ainm Ceilteach a bh' ann am MacDhòmhnaill bho thùs. 'S e fear Lochlannach a bh' ann am MacLeòid bho thùs. Bha MacDhòmhnaill na Thighearna nan Eilean, agus barrachd air aon turas bha e claidheamh-ri-claidheamh ri rìghrean Alba. Bu tric a bhiodh pòsaidhean eadar an dà theaghlach agus bhiodh iad a' sabaid a chèile na bu thrice buileach. Chuir iad fàinneachan pòsaidh air làmhan a chèile agus biodagan ann an cridheachan a chèile. Tha caisteal ùr MhicDhòmhnaill ann an Armadal, agus seann daingneachd MhicLeòid ann an Dùn Bheagan le drochaid-thogail agus tuill phrìosanach