Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' bleith arbhair san Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6370
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29604
KEYWORDS
cleachdaidhean
An t-Eilean Sgitheanach
laghan
màladairean
gràn
muilnearan
muilneadh
clachan brà
cìsean
croitearan
clach-cuaich
muilnean
seice caorach
sìoltachain
Grinding Corn in Skye

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

'S e fìor sheann chleachdadh a tha seo san Eilean Sgitheanach; chan e a-mhàin gu bheil gràdh aig an eileanach air àite a bhreith ach bidh e a' leantainn cleachdaidhean a shinnsearan. Ged a bha seann lagh ann cho fad air ais ris an treas linn deug a bha ag ràdh "That no man shall presume to grind his own grain," ach a-mhàin ann an suidheachadh gu math sònraichte, agus nas fhaisg air an latha an-diugh dh'fhaodadh an t-uachdaran toirt air na màladairean na dòighean as luaithe air bleith a chleachdadh agus iarraidh air a' mhuillear "to search out and break any querns he can find," mar innealan a bhiodh a' cumail chìsean air falbh bhuaithe. Chan eil an croitear a' fàs uiread de choirce ann an seusan math, agus gu tric, mar thoradh air droch sheusan no ionnsaighean nam fiadh, chan eil ann nas fhiach a thoirt dhan mhuilinn. Ann an suidheachadh mar seo tha a' chlach-cuaich air a cur gu feum. 'S e sin nuair a bhios an sìol air a dheagh thiormachadh ann am poit thairis air teine mònach; agus an uair sin, agus a' mhuileann air atharrachadh, bidh an sìol air a leigeil a-steach san fhosgladh sa chloich-mhullaich le aon làimh, agus an làmh eile a' cur na cloich eile timcheall le inneal sgonnach ga gluasad. Bhon a tha a' chlach ìosal beagan os-cearclach agus a' chlach gu h-àrd beagan fo-chearclach, bidh a' mhin a' tuiteam a-mach asta air a h-uile taobh air an anart sgaoilte a-mach gus a glacadh. Gus an gabh an cochall a-muigh a thoirt dheth, tha e air a shìoladh tro shìoltachan a chaidh a dhèanamh le bhith a' sìneadh seice caorach air cleith, agus an uair sin ga tholladh air fad le iarann teth. Tha sìoltachan den t-seòrsa seo ann an làimh a' bhodaich san dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' bleith arbhair san Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS

1890an

cleachdaidhean; An t-Eilean Sgitheanach; laghan; màladairean; gràn; muilnearan; muilneadh; clachan brà; cìsean; croitearan; clach-cuaich; muilnean; seice caorach; sìoltachain

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> 'S e fìor sheann chleachdadh a tha seo san Eilean Sgitheanach; chan e a-mhàin gu bheil gràdh aig an eileanach air àite a bhreith ach bidh e a' leantainn cleachdaidhean a shinnsearan. Ged a bha seann lagh ann cho fad air ais ris an treas linn deug a bha ag ràdh "That no man shall presume to grind his own grain," ach a-mhàin ann an suidheachadh gu math sònraichte, agus nas fhaisg air an latha an-diugh dh'fhaodadh an t-uachdaran toirt air na màladairean na dòighean as luaithe air bleith a chleachdadh agus iarraidh air a' mhuillear "to search out and break any querns he can find," mar innealan a bhiodh a' cumail chìsean air falbh bhuaithe. Chan eil an croitear a' fàs uiread de choirce ann an seusan math, agus gu tric, mar thoradh air droch sheusan no ionnsaighean nam fiadh, chan eil ann nas fhiach a thoirt dhan mhuilinn. Ann an suidheachadh mar seo tha a' chlach-cuaich air a cur gu feum. 'S e sin nuair a bhios an sìol air a dheagh thiormachadh ann am poit thairis air teine mònach; agus an uair sin, agus a' mhuileann air atharrachadh, bidh an sìol air a leigeil a-steach san fhosgladh sa chloich-mhullaich le aon làimh, agus an làmh eile a' cur na cloich eile timcheall le inneal sgonnach ga gluasad. Bhon a tha a' chlach ìosal beagan os-cearclach agus a' chlach gu h-àrd beagan fo-chearclach, bidh a' mhin a' tuiteam a-mach asta air a h-uile taobh air an anart sgaoilte a-mach gus a glacadh. Gus an gabh an cochall a-muigh a thoirt dheth, tha e air a shìoladh tro shìoltachan a chaidh a dhèanamh le bhith a' sìneadh seice caorach air cleith, agus an uair sin ga tholladh air fad le iarann teth. Tha sìoltachan den t-seòrsa seo ann an làimh a' bhodaich san dealbh seo