Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' chas-chrom ga cleachdadh san Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6371
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29605
KEYWORDS
An t-Eilean Sgitheanach
Ìnnse Gall
croitearan
croitean
croitearachd
spaidean
bochdainn
crann
coirce
buntàa
The Cas-Chrom in use in Skye

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

Chan eil an dòigh a th' aca air an talamh àiteachadh ann an Ìnnse Gall, agus ann an àiteachan air tir-mòr na Gàidhealtachd, càil nas adhartaiche na dòigh bleith an arbhair; agus innsidh Gàidheal dhut gur e fìor chomharra air bochdainn a th' ann an cas-chrom. Chan eil a' chroit àbhaisteach aig eileanach ach beag, agus glè thric cho cas is cho creagach nach gabh crann treabhaidh idir a chur gu feum, ged a bhiodh crann aig a' chroitear agus gum b' aithne dha aobrachadh.

Ach bhiodh àiteachadh na bu doimhne, ann an iomadh àite, gu math buannachail; chan eil a' chas-chrom a' tionndadh ach mullach na talmhainn agus a' chroit cho beag gu bheil an aon talamh ga thionndadh a h-uile bliadhna. Mar thoradh air seo, chan eil ach glè bheag de choirce no de bhuntàta a' tighinn às, an coirce tric gun abachadh air neo air ithe le beathaichean, agus am buntàta tric air a mhilleadh leis an reothadh. Chan eil cabhag an naoidheimh linn deug air an t-eileanach a ghlacadh fhathast, oir tha iad a' gabhail a h-uile rud air an socair, fiù 's as t-earrach, nuair a dh'fhaodadh tu ràdh gu bheil iad glè thrang ag ullachadh na croite airson an t-sìl. Chan àbhaist dhaibh tòiseachadh air an obair gu trì no trì gu leth uairean a thìde às dèidh èirigh na grèine, ach feumar a ràdh gum bi iad ag obair cho fada 's as lèir dhaibh càil

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' chas-chrom ga cleachdadh san Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS

1890an

An t-Eilean Sgitheanach; Ìnnse Gall; croitearan; croitean; croitearachd; spaidean; bochdainn; crann; coirce; buntàa

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> Chan eil an dòigh a th' aca air an talamh àiteachadh ann an Ìnnse Gall, agus ann an àiteachan air tir-mòr na Gàidhealtachd, càil nas adhartaiche na dòigh bleith an arbhair; agus innsidh Gàidheal dhut gur e fìor chomharra air bochdainn a th' ann an cas-chrom. Chan eil a' chroit àbhaisteach aig eileanach ach beag, agus glè thric cho cas is cho creagach nach gabh crann treabhaidh idir a chur gu feum, ged a bhiodh crann aig a' chroitear agus gum b' aithne dha aobrachadh. <br /> <br /> Ach bhiodh àiteachadh na bu doimhne, ann an iomadh àite, gu math buannachail; chan eil a' chas-chrom a' tionndadh ach mullach na talmhainn agus a' chroit cho beag gu bheil an aon talamh ga thionndadh a h-uile bliadhna. Mar thoradh air seo, chan eil ach glè bheag de choirce no de bhuntàta a' tighinn às, an coirce tric gun abachadh air neo air ithe le beathaichean, agus am buntàta tric air a mhilleadh leis an reothadh. Chan eil cabhag an naoidheimh linn deug air an t-eileanach a ghlacadh fhathast, oir tha iad a' gabhail a h-uile rud air an socair, fiù 's as t-earrach, nuair a dh'fhaodadh tu ràdh gu bheil iad glè thrang ag ullachadh na croite airson an t-sìl. Chan àbhaist dhaibh tòiseachadh air an obair gu trì no trì gu leth uairean a thìde às dèidh èirigh na grèine, ach feumar a ràdh gum bi iad ag obair cho fada 's as lèir dhaibh càil