- TIOTAL
- Nighean le cliabh
- EXTERNAL ID
- PC_PRISCUS_WCS6373
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS
- LINN
- 1890an
- CRUTHADAIR
- George Washington Wilson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Mark Butterworth - Priscus
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29607
- KEYWORDS
- An t-Eilean Sgitheanach
clèibh
boireannaich
feamainn
crodh
todhar
eich

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho notaichean na h-òraid sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.
Tha na boireannaich air a' Ghàidhealtachd a' dèanamh mòran den obair as t-earrach, a' giùlan feamainn, cha mhòr an aon todhar a th' aca, sna clèibh aca. Tha a' chuid as motha den crodh a' feurach a-muigh fad na bliadhna; co-dhiù chan eil iad ro mhath air todhar nam beathaichean a chaomhnadh, rud a bhios tuathanach glic a' meas gu mòr. Mar sin tha an fheamainn luachmhor mar thodhar air feadh Ìnnse Gall. Tha roinnean sònraichte air falbh on tràigh air an cumail do sgìrean sònraichte agus tha iad seo air an lomadh gu cunbhalach; agus air taobh an iar nan eilean gabhaidh tiùrran feamad a chruinneachadh an dèidh stoirm, agus chithear boireannaich a' sreap sgoran casa agus luchd cho trom aca a ghiùlaineadh each, agus tha e air leth follaiseach, nuair a bhios fireannach ris an obair seo, gum bi each aige le basgaidean làn feamad ceangailte ris agus an croitear fhèin a'coiseachd ri taobh an eich agus a làmhan na phòcaidean gus an cumail blàth