Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leac an Stòir, an t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6374
ÀITE
A' Chuith-Fhraing
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29608
KEYWORDS
Bodach an Stòir
luchd-turais
sgòrran
binneanan
a' Chuith-raing
Storr Rock, Skye

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

Am measg àiteachan inntinneach timcheall air Port Rìgh, 's e "Bodach" an Stòir am fear as cudromaiche. Gabhaidh e fhaicinn gu furasta air là soilleir on chnoc choillteach os cionn a' chidhe, fhad 's nach bi e paisgte ann an ceò. Chan eil rathad ceart a' dol thuige agus, ri aimsir mhath, bidh luchd-turais tric a' togail orra air an rathad as dìriche, 's e sin slighe dhìreach dhan taobh tuath a' leantainn druim a' chnuic a tha ag èirigh gu socair o Phort Rìgh gu taobh "a' Bhodaich." Tha an rathad a ghabhas na gearrain glè lùbach bhon a tha leithid de phuill-mhònach ann a dh' fheumas tu sheachnadh.

Tha "Bodach" an Stòir, binnean 160tr a dh' àirde, ag èirigh bho shliabh an ear beinn an Stòir. Tha sgòrran is binneanan a' dèanamh co-shealladh mar a' Chuith-raing, ach nas motha, agus tha samhla de bhaile mòr a tha na thobhtaichean ann cuideachd agus air a nochdadh gu h-iongantach leis na sgòthan a th' air a' bheinn. A' teannadh ri mullach na beinne on tuath, tha an dìreadh cho socair 's gu bheil an srainnsear a' stad nuair a lorgas e gu bheil an talamh gu h-obann air a ghearradh air falbh fad 500 troighean, agus air dha sealltainn mun cuairt chithear gu bheil a' chreag bhriste air a càrnadh ann an cruthan fìor annasach, fhad 's a tha am "Bodach" na sheasamh leis fhèin mar gum biodh e a' cumail faire air na tobhtaichean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leac an Stòir, an t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1890an

Bodach an Stòir; luchd-turais; sgòrran; binneanan; a' Chuith-raing

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin. <br /> <br /> Am measg àiteachan inntinneach timcheall air Port Rìgh, 's e "Bodach" an Stòir am fear as cudromaiche. Gabhaidh e fhaicinn gu furasta air là soilleir on chnoc choillteach os cionn a' chidhe, fhad 's nach bi e paisgte ann an ceò. Chan eil rathad ceart a' dol thuige agus, ri aimsir mhath, bidh luchd-turais tric a' togail orra air an rathad as dìriche, 's e sin slighe dhìreach dhan taobh tuath a' leantainn druim a' chnuic a tha ag èirigh gu socair o Phort Rìgh gu taobh "a' Bhodaich." Tha an rathad a ghabhas na gearrain glè lùbach bhon a tha leithid de phuill-mhònach ann a dh' fheumas tu sheachnadh. <br /> <br /> Tha "Bodach" an Stòir, binnean 160tr a dh' àirde, ag èirigh bho shliabh an ear beinn an Stòir. Tha sgòrran is binneanan a' dèanamh co-shealladh mar a' Chuith-raing, ach nas motha, agus tha samhla de bhaile mòr a tha na thobhtaichean ann cuideachd agus air a nochdadh gu h-iongantach leis na sgòthan a th' air a' bheinn. A' teannadh ri mullach na beinne on tuath, tha an dìreadh cho socair 's gu bheil an srainnsear a' stad nuair a lorgas e gu bheil an talamh gu h-obann air a ghearradh air falbh fad 500 troighean, agus air dha sealltainn mun cuairt chithear gu bheil a' chreag bhriste air a càrnadh ann an cruthan fìor annasach, fhad 's a tha am "Bodach" na sheasamh leis fhèin mar gum biodh e a' cumail faire air na tobhtaichean