Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgùrr nan Gillean, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6377
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29610
KEYWORDS
An t-Eilean Sgitheanach
lochan
Coir' Uisg'
Màrsco
Sgùrr nan Gillean
An Cuiltheann
Coire Harta
Loat o' Corrie
sloc
uillt
mòr-ghil
Sgurr nan Gillean, Skye

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin:

"On taigh-òsta 's e a' chuairt as fheàrr le daoine a dhol a-mach an gleann gu ruig Loch Coir' Uisg'. Mu letheach slighe tro Ghleann Shligeachain bidh thu a' dol mu bhonn Mhàrsco, a' bheinn sa Chuiltheann Dhearg a tha fìor mhòr agus na seasamh leatha fhèin - cho aocoltach ri cruth dubh is corrach Sgùrr nan Gillean a tha a' taobhadh a' ghlinne air do làimh dheis. Timcheall air slios an ear an Sgùrra tha bealach domhainn Coire Harta a' dol a-steach gu meadhan a' Chuilthinn Dhuibh agus a' leantainn ri Loata Coire, sloc dhomhainn, chreagach air aghaidh an iar dheas Sgùrr nan Gillean, a thuirt cuideigin a bha uabhasach na ghruamachd. Tha allt Shligeachain a' ruith tron bhealach dhomhainn seo, sruthan a tha cho fìor shoilleir 's gu bheil coltas gu bheil e a' toirt lainnireachd do na clachan lìomhta, ioma-dhathach air a bhonn, ann an dòigh air nach toireadh obair leacachaidh bàrr."

Chun an 19mh linn bhathas den bheachd nach gabhadh an Cuitheann a shreap. Chaidh a' chiad dhìreadh de stùc sa Chuiltheann a chlàradh ann an 1836, nuair a bha an neach-saidheans Seumas Forbes agus coilltear ionadail, Donnchadh Mac an t-Saoir, soirbheachail ann a bhith a' sreap Sgùrr nan Gillean air an druim chun an ear-dheas. Ann an 1845, thill an dithis aca gus Bruach na Frìthe a shreap, agus shreap iad Sgùrr nan Gillean airson an dàrna turais air an druim an iar a bha na bu doirbhe.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgùrr nan Gillean, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS

1890an

An t-Eilean Sgitheanach; lochan; Coir' Uisg'; Màrsco; Sgùrr nan Gillean; An Cuiltheann; Coire Harta; Loat o' Corrie; sloc; uillt; mòr-ghil

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past