Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Blà Bheinn
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6378
ÀITE
Blà Bheinn
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29611
KEYWORDS
An t-Eilean Sgitheanach
Blàbheinn
Màrsco
Druim na h-Eidhne
Druim nan Ràmh
iolairean
fithich
An Cuiltheann
Rùm
lochan
beanntan
Coir' Uisg'
Blaven

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

An dèidh a dhol seachad air bonn Mhàrsco tha Blà Bheinn ag èirigh na balla uabhasach mòr gun bhriseadh, gun bheàrn. On cheum (oir chan e rathad a th' ann) tha fìor dheagh shealladh ann air a' bheinn eireachdail seo dìreach mus tòisich an dìreadh gu Drumhain (Druim na h-Eidhne), far am faicear bideanan neònach a' Chuilthinn gu lèir ann an iomadh cruth annasach, agus sgòthan nan laighe sna coireachan dubha air an slèibhtean. Chithear an iolaire ag iadhadh os cionn nam beanntan seo, agus bidh na fithich a' falbh àsta seo gu eilean Rùm far am bi iad a' creach nan caorach. Feumaidh an teàrnadh o Dhruim na h-Eidhne gu tràighean Loch Coir' Uisg' a bhith faiceallach dha rìridh oir tha an sliabh cas agus dh'fhaodadh droch cheum do thoirt gu bun an t-slèibhe mòran na bu luaithe na lùthaigeadh tu

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Blà Bheinn

INBHIR NIS: An Srath

1890an

An t-Eilean Sgitheanach; Blàbheinn; Màrsco; Druim na h-Eidhne; Druim nan Ràmh; iolairean; fithich; An Cuiltheann; Rùm; lochan; beanntan; Coir' Uisg'

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> An dèidh a dhol seachad air bonn Mhàrsco tha Blà Bheinn ag èirigh na balla uabhasach mòr gun bhriseadh, gun bheàrn. On cheum (oir chan e rathad a th' ann) tha fìor dheagh shealladh ann air a' bheinn eireachdail seo dìreach mus tòisich an dìreadh gu Drumhain (Druim na h-Eidhne), far am faicear bideanan neònach a' Chuilthinn gu lèir ann an iomadh cruth annasach, agus sgòthan nan laighe sna coireachan dubha air an slèibhtean. Chithear an iolaire ag iadhadh os cionn nam beanntan seo, agus bidh na fithich a' falbh àsta seo gu eilean Rùm far am bi iad a' creach nan caorach. Feumaidh an teàrnadh o Dhruim na h-Eidhne gu tràighean Loch Coir' Uisg' a bhith faiceallach dha rìridh oir tha an sliabh cas agus dh'fhaodadh droch cheum do thoirt gu bun an t-slèibhe mòran na bu luaithe na lùthaigeadh tu