Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Coir' Uisge, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6379
ÀITE
Loch Coir' Uisge
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29612
KEYWORDS
An t-Eilean Sgitheanach
lochan
sgùrran
crith-thalmhainn
Sgabhaig
fithich
iolairean
Sir Walter Scott
Loch Coruisk, Skye

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

Ann an seo tha sealladh cho aonaranach is uaigneach 's a th' ann am Breatainn. Tha an t-ainm Loch Coir' Uisge glè iomchaidh: smaoinich air loch mòr air a lìonadh le uisge dorcha uaine, air a chuairteachadh le stacan reubte is briste, na bonnan aca air an sgapadh le sgrios on àm a chaidh crith-thalmhainn seachad an sin agus na mullaichean aca a' briogadh an adhair le bideanan grànda is sgealban biorach. Chan eil gluasad sam bith an seo ach an ceò geal ag èirigh bhon aigeal agus ag iadhadh mu na stoban air a bheil fhathast sneachda a' gheamhraidh. Tha an fhois dhomhainn cho trom ri eallach, bhon, seach fuaim nan tonn air tràighean Loch Sgàbhaig no ròcail fithich fada os ar cionn, chan eil sìon ann a bhriseas an t-sàmhchair. Tha an sealladh gu lèir uabhasach lom is aonaranach. Tha an iolaire beò an seo gun bhacadh, agus chithear i a' sgaoileadh a sgiathan gu rìoghail là sam bith, cha mhòr. Chan eil an loch ach beagan throighean os cionn àirde na mara, far a bheil

"A wild stream with headlong shock
Comes brawling down a bed of rock
To mingle with the main" - Scott

'S e obair gu math nas duilghe a th' ann a bhith a' sreap suas oir feumaidh tu do rathad a thaghadh gu faiceallach thairis air ulpagan mòra, clachan lìomhta agus boglaichean; bu chòir seo a dhèanamh glè shocair gus am bi cothrom agad toileachas a ghabhail anns an t-sealladh air ... (Loch Sgàbhaig)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Coir' Uisge, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1890an

An t-Eilean Sgitheanach; lochan; sgùrran; crith-thalmhainn; Sgabhaig; fithich; iolairean; Sir Walter Scott;

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past