- TIOTAL
- Rubha Bhatairsteinn
- EXTERNAL ID
- PC_PRISCUS_WCS6382
- ÀITE
- Rubha Bhatairsteinn
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Diùirinis
- LINN
- 1890an
- CRUTHADAIR
- George Washington Wilson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Mark Butterworth - Priscus
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29615
- KEYWORDS
- An t-Eilean Sgitheanach
rubhannan
lagh an fhearainn
aimhreit
sgòrran
seabhagan
fithich
iolairean mara
croitearachd
treabhadh
lochan
caistealan
Dùn Bheagan
MacLeòid

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.
A' leantainn gu taobh an iar thuath thig thu gu Rubha Bhatairsteinn, maol corrach a tha ag èirigh gu àirde mhòr, agus ainmeil na àite far an do thòisich aimhreit mun talamh a thaobh laghan fearainn. Am measg nan sgòrran garbha seo, a tha fìor dhoirbh faighinn thuca, bidh seabhagan, fithich, agus iolairean mara a' seachnadh an fhear-dàna as fheàrr agus ag àrach an àil ann an tèarainteachd iomlan. An dèidh dhuinn an oirthir sgòrrach fhàgail agus a' coinneachadh ri rathad Dùn Bheagain, bidh sinn a' dol tro sgìre mhòr làn croitearachd. 'S e seo an 'Gleann Dail' ainmeil, far am faod thu, ann am mìosan an earraich, cnuasachadh le ùidh air na dòighean fìor aosta air an talamh a threabhadh sna h-eileanan. Fiù 's air tir-mòr tha an aon ghnàthas air a chleachdadh nuair a tha croitean beag is na daoine bochd, ach 's ann mar seo a tha iad ga dhèanamh air feadh nan Eilean Siar.
A' leantainn air ar n-astar, tha Loch Dùn Bheagain a' tighinn an sealladh. An ceann an loch tha caisteal fìor aosta Dùn Bheagain na sheasamh, agus fad iomadh mìle mun cuairt air tha a h-uile rud ag ìnnse dhut gur e seo dùthaich MhicLeòid