Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dùn Bheagain
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6383
ÀITE
Dùn Bheagan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29616
KEYWORDS
An t-Eilean Sgitheanach
caistealan
na Hearadh
Alasdair Crotach
batalan
Bàgh na Fala
Tobar Mhoire
adharc
taibhsean
tanasgan
caistealan
sgeulachdan
Dòmhnallaich
Dòmhnall Gorm
Slèite
foill
eathar
pìobairean
Dunvegan Castle

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

Tha e coltach gur e Caisteal Dùn Bheagain an taigh as sine ann an Alba le duine a' fuireach ann, agus tha iad ag ràdh gun deach pàirt dheth a thogail san naoidheamh lìnn. Tha seann phàirt a' chaisteil a' coimhead gu muir, agus aig aon àm cha robh doras a-staigh ach suas staidhre tro àirdse chumhang, far an dòcha gun do shreap MacLeòid na Hearadh an dèidh dha bìrlinn athar-cèile a chur fodha ann an ceò sa Chuan Sgìth. Chaidh fear de na tùir air a' chaisteal a thogail le Alasdair Crotach, mac Uilleim a chaidh a mharbhadh aig batal Bàgh na Fala faisg air Tobar Mhoire ann an 1493. Sa chaisteal seo tha adhairc àgaidh air a cumail, adhairc a ghabhas mu chòig pinnt a th' air a càradh air cearcall airgid agus a tha iad ag ràdh a bha na chòrn-dibhe aig Ruairidh Mòr, a chaidh a dhèanamh na ridire le Seumas Vl. Nuair a thigeadh ceannard MhicLeòid gu aois bha iad den bheachd gum feumadh e an còrn seo a thraoghadh ann an aon deoch, ach tha tòn mheallta ann ga dhèanamh nas iomchaidh do chàil an là an-diugh. Mar a th' aig ceannardan eile, tha taibhs aig MacLeòid a tha a' tadhal air fear de na seòmraichean ann an Dùn Bheagan. Tha iomadh sgeul annasach air innse cuideachd air na làithean nuair a bhiodh na ceannardan a bha an aghaidh a chèile, MacDhòmhnaill is MacLeòid, a' feitheamh cothrom dochann bàis a dhèanamh air a chèile, mar a rinn Dòmhnall Gorm, an dèidh dha fasgadh a ghabhail sa chaisteal aon oidhche stoirmeil, agus a sheas e ri MacLeòid aig an dìnneir ag innse dha gu pròiseil gur ann far am biodh e fhèin, MacDhòmhnaill Shlèite, na shuidhe, a bhiodh ceann a' bhùird. An oidhche sin, ge-tà, le foill MhicLeòid, cha mhòr nach deach a losgadh san t-sabhal, agus an ath mhadainn, le a bhuidheann dìon de dhusan fear, mheàrrs e sìos gu far an robh a bhìrlinn air acair agus am pìobaire a' cluich aig an ceann, a' cur iongantas air a h-uile duine sa chaisteal

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dùn Bheagain

INBHIR NIS: Diùirinis

1890an

An t-Eilean Sgitheanach; caistealan; na Hearadh; Alasdair Crotach; batalan; Bàgh na Fala; Tobar Mhoire; adharc; taibhsean; tanasgan; caistealan; sgeulachdan; Dòmhnallaich; Dòmhnall Gorm; Slèite; foill; eathar; pìobairean

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> Tha e coltach gur e Caisteal Dùn Bheagain an taigh as sine ann an Alba le duine a' fuireach ann, agus tha iad ag ràdh gun deach pàirt dheth a thogail san naoidheamh lìnn. Tha seann phàirt a' chaisteil a' coimhead gu muir, agus aig aon àm cha robh doras a-staigh ach suas staidhre tro àirdse chumhang, far an dòcha gun do shreap MacLeòid na Hearadh an dèidh dha bìrlinn athar-cèile a chur fodha ann an ceò sa Chuan Sgìth. Chaidh fear de na tùir air a' chaisteal a thogail le Alasdair Crotach, mac Uilleim a chaidh a mharbhadh aig batal Bàgh na Fala faisg air Tobar Mhoire ann an 1493. Sa chaisteal seo tha adhairc àgaidh air a cumail, adhairc a ghabhas mu chòig pinnt a th' air a càradh air cearcall airgid agus a tha iad ag ràdh a bha na chòrn-dibhe aig Ruairidh Mòr, a chaidh a dhèanamh na ridire le Seumas Vl. Nuair a thigeadh ceannard MhicLeòid gu aois bha iad den bheachd gum feumadh e an còrn seo a thraoghadh ann an aon deoch, ach tha tòn mheallta ann ga dhèanamh nas iomchaidh do chàil an là an-diugh. Mar a th' aig ceannardan eile, tha taibhs aig MacLeòid a tha a' tadhal air fear de na seòmraichean ann an Dùn Bheagan. Tha iomadh sgeul annasach air innse cuideachd air na làithean nuair a bhiodh na ceannardan a bha an aghaidh a chèile, MacDhòmhnaill is MacLeòid, a' feitheamh cothrom dochann bàis a dhèanamh air a chèile, mar a rinn Dòmhnall Gorm, an dèidh dha fasgadh a ghabhail sa chaisteal aon oidhche stoirmeil, agus a sheas e ri MacLeòid aig an dìnneir ag innse dha gu pròiseil gur ann far am biodh e fhèin, MacDhòmhnaill Shlèite, na shuidhe, a bhiodh ceann a' bhùird. An oidhche sin, ge-tà, le foill MhicLeòid, cha mhòr nach deach a losgadh san t-sabhal, agus an ath mhadainn, le a bhuidheann dìon de dhusan fear, mheàrrs e sìos gu far an robh a bhìrlinn air acair agus am pìobaire a' cluich aig an ceann, a' cur iongantas air a h-uile duine sa chaisteal