Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Ùige, an t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6384
ÀITE
Bàgh Ùige
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Snìothasort
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29618
KEYWORDS
Dùn Bheagan
lochan
Snìothasor
easan
basalt
acarsaidean
Ùige
An t-Eilean Sgitheanach
Tòmas Pennant
Uig Bay, Skye

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

A' dol tarsainn na dùthcha o Dùn Bheagain dhan taobh an ear, bidh thu a' coinneachadh an rathaid mhòir a tha a' taobhadh Loch Snìothasort agus a' dol gu ruige Ùige le a bhàgh brèagha a tha na laighe mar chrudh eich le crios de thràigh dhonn agus achaidhean air an àiteachadh, agus uchd beinne air a chùlaibh. Air tràigh a tuath Bàgh Ùige tha eas àrd ann, agus aig rubha a tuath a' bhàigh tha druim de bhasalt ann às a bheil an lìana dhomhainn uaine a' sgaoileadh ann an sliabh rèidh dhan mhuir. Bidh acarsaid Bàgh Ùige a' fulang le droch mhuir nuair a bhios a' ghaoth làidir on iar thuath. An dèidh dha oirthir an Eilein Sgitheanaich, coltach ri ballachan daingeann iarainn, fhaicinn, cha bhi duine a' dol an aghaidh fìrinn tuairisgeul Pennant mu Ùige. Tha e a' bruidhinn air mar "a fertile bottom laughing with corn!"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Ùige, an t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Snìothasort

1890an

Dùn Bheagan; lochan; Snìothasor; easan; basalt; acarsaidean; Ùige; An t-Eilean Sgitheanach; Tòmas Pennant

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> A' dol tarsainn na dùthcha o Dùn Bheagain dhan taobh an ear, bidh thu a' coinneachadh an rathaid mhòir a tha a' taobhadh Loch Snìothasort agus a' dol gu ruige Ùige le a bhàgh brèagha a tha na laighe mar chrudh eich le crios de thràigh dhonn agus achaidhean air an àiteachadh, agus uchd beinne air a chùlaibh. Air tràigh a tuath Bàgh Ùige tha eas àrd ann, agus aig rubha a tuath a' bhàigh tha druim de bhasalt ann às a bheil an lìana dhomhainn uaine a' sgaoileadh ann an sliabh rèidh dhan mhuir. Bidh acarsaid Bàgh Ùige a' fulang le droch mhuir nuair a bhios a' ghaoth làidir on iar thuath. An dèidh dha oirthir an Eilein Sgitheanaich, coltach ri ballachan daingeann iarainn, fhaicinn, cha bhi duine a' dol an aghaidh fìrinn tuairisgeul Pennant mu Ùige. Tha e a' bruidhinn air mar "a fertile bottom laughing with corn!"