Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Chuith-raing, an t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6385
ÀITE
A' Chuith-Fhraing
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cille Mhoire
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29620
KEYWORDS
An t-Eilean Sgitheanach
Ùige
binneanan
creagan
An Cuiltheann
beanntan
lochan
Stafain
Rònaigh
Ratharsair
Sgùrr Mòr
basalt
bearraidhean
Quiraing, Skye

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

'S e àite sònraichte faisg air Ùige a tharraingeas aire dhuine, a' Chuith-raing. Tha i sia mìle air falbh thairis air rathad corrach, garbh, a' mhìle mu dheireadh na fhrith-rathad a tha glè chas. Far an tèid thu a-steach don Chuith-raing tha "An t-Snàthad", binnean a tha 120 troigh a dh' àirde, agus am frith-rathad a' dol seachad suas gu rèidhlean feurach, air a bheil a' Chuith-raing, ged nach eil fhios co às a thàinig an t-ainm. Tha an rèidhlean seo cho mòr agus gum faodadh rèisimeid spaidsearachd a dhèanamh air, air mullach creige a tha còmhnard mar mhullach bùird agus measgachadh de bhinneanan, creagan is tùir do-chreidsinneach mu thimcheall. Tha iad seo gu math coltach ri bailtean air an sgrios, agus nuair a bhios iad letheach falaichte ann an trusgan de cheò is uisge tha iad a' cur nad chuimhne bùrach de chlachan-togail mòra, neònach. Coltach ris a' Chuiltheann cha mhòr gun gabh sealladh na Cuith-raing a chur ann am faclan; chan eil tuairisgeul a chaidh a sgrìobhadh fhathast a' toirt seachad luach nam feartan aca. Tro bheàrnan sna sgòrran, air là àlainn, chithear boillsgeagan iongantach de sheallaidhean-tìre mu Loch Stafainn - bàgh a tha na laighe dìreach fon Chuith-raing. Ma tha an là soilleir, chithear eileanan Rònaigh is Ratharsair agus cuid mhath de thir-mòr. Tha an Sgobhair Mòr ag èirigh 1774 troigh os cionn na mara, agus air a shlèibhtean tha creagan na Cuith-raing air an sgapadh. Tha sgòrran de chreig bhasalt air an sgapadh air feadh an aghaidh dhan ear. Bhon mhuir tha coltas làraichean sgriosta baile mòr air na sgòrran sgàinte seo agus tha iad a' fàgail sealladh iongantach aig an luchd-amhairc

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Chuith-raing, an t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Cille Mhoire

1890an

An t-Eilean Sgitheanach; Ùige; binneanan; creagan; An Cuiltheann; beanntan; lochan; Stafain; Rònaigh; Ratharsair; Sgùrr Mòr; basalt; bearraidhean

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> 'S e àite sònraichte faisg air Ùige a tharraingeas aire dhuine, a' Chuith-raing. Tha i sia mìle air falbh thairis air rathad corrach, garbh, a' mhìle mu dheireadh na fhrith-rathad a tha glè chas. Far an tèid thu a-steach don Chuith-raing tha "An t-Snàthad", binnean a tha 120 troigh a dh' àirde, agus am frith-rathad a' dol seachad suas gu rèidhlean feurach, air a bheil a' Chuith-raing, ged nach eil fhios co às a thàinig an t-ainm. Tha an rèidhlean seo cho mòr agus gum faodadh rèisimeid spaidsearachd a dhèanamh air, air mullach creige a tha còmhnard mar mhullach bùird agus measgachadh de bhinneanan, creagan is tùir do-chreidsinneach mu thimcheall. Tha iad seo gu math coltach ri bailtean air an sgrios, agus nuair a bhios iad letheach falaichte ann an trusgan de cheò is uisge tha iad a' cur nad chuimhne bùrach de chlachan-togail mòra, neònach. Coltach ris a' Chuiltheann cha mhòr gun gabh sealladh na Cuith-raing a chur ann am faclan; chan eil tuairisgeul a chaidh a sgrìobhadh fhathast a' toirt seachad luach nam feartan aca. Tro bheàrnan sna sgòrran, air là àlainn, chithear boillsgeagan iongantach de sheallaidhean-tìre mu Loch Stafainn - bàgh a tha na laighe dìreach fon Chuith-raing. Ma tha an là soilleir, chithear eileanan Rònaigh is Ratharsair agus cuid mhath de thir-mòr. Tha an Sgobhair Mòr ag èirigh 1774 troigh os cionn na mara, agus air a shlèibhtean tha creagan na Cuith-raing air an sgapadh. Tha sgòrran de chreig bhasalt air an sgapadh air feadh an aghaidh dhan ear. Bhon mhuir tha coltas làraichean sgriosta baile mòr air na sgòrran sgàinte seo agus tha iad a' fàgail sealladh iongantach aig an luchd-amhairc