Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dùn Chàrlabhaigh
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6389
ÀITE
Càrlabhagh
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ùig
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29623
KEYWORDS
dùn
Cruithnich
taighean
taighean-còmhnaidh
Ìnnse Gall
tughadh
fraoch
Dune of Carloway

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

'S e Dùn Chàrlabhaigh fear de dhà no trì nithean inntinneach ann an Leòdhas, agus tha an dùn coltach ri làraichean air feadh na dùthcha a tha co-cheangailte ri na Cruithnich.

Tha taigh a' chroiteir air a' bheulaibh a' sealltainn an stoidhle togail a th' ann gu bitheanta, oir an seo, mar a tha e air feadh Innse Ghall, bha an taighean dèanta le clachan gun aol agus le ballachan glè thiugh. Tha am mullach tughaidh de riasg is sgrathan na laighe air muin nam ballachan, a' fàgail troigh no mar sin de mhullach a' bhalla gun chòmhdach. Mura biodh sin air fhàgail, bhiodh a' ghaoth a' dol fon chleit agus a' togail a' mhullaich an-àirde. Tha iomadh sìoman fraoich a' ceangal sìos an tughaidh, an cinn ceangailte ri clachan a tha barrachd air troigh ann am meud gach taobh, a bhios nan laighe air mullaichean nam ballachan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dùn Chàrlabhaigh

ROS: Ùig

1890an

dùn; Cruithnich; taighean; taighean-còmhnaidh; Ìnnse Gall; tughadh; fraoch

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> 'S e Dùn Chàrlabhaigh fear de dhà no trì nithean inntinneach ann an Leòdhas, agus tha an dùn coltach ri làraichean air feadh na dùthcha a tha co-cheangailte ri na Cruithnich.<br /> <br /> Tha taigh a' chroiteir air a' bheulaibh a' sealltainn an stoidhle togail a th' ann gu bitheanta, oir an seo, mar a tha e air feadh Innse Ghall, bha an taighean dèanta le clachan gun aol agus le ballachan glè thiugh. Tha am mullach tughaidh de riasg is sgrathan na laighe air muin nam ballachan, a' fàgail troigh no mar sin de mhullach a' bhalla gun chòmhdach. Mura biodh sin air fhàgail, bhiodh a' ghaoth a' dol fon chleit agus a' togail a' mhullaich an-àirde. Tha iomadh sìoman fraoich a' ceangal sìos an tughaidh, an cinn ceangailte ri clachan a tha barrachd air troigh ann am meud gach taobh, a bhios nan laighe air mullaichean nam ballachan