Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cearcall Chalanais
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6390
ÀITE
Calanais
SGÌRE
Leòdhas
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29624
KEYWORDS
Leòdhas
Ìnnse Gall
lochan
Beàrnaraigh
tursachan
draoidhean
teampaill
cearcaill
cearcall
Calanais
Stennes
Arcaibh
Stonehenge
Lochlannach
seanchas
adhradh
Thor
clachan
ìobradh
bàs
Circle of Callanish

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

Aig ceann sàilean ann an Loch Bheàrnaraigh tha Cearcall nan Draoidhean de chlachan mòra, ann an cruth croise, ris an canar Cearcall Chalanais. Tha an teampall draoidheil seo am measg an fheadhainn as motha agus as iomlaine dhen t-seòrsa ann an Alba. Nuair a bha an teampall iomlan, bha trì fichead 's a còig de chlachan ann air fad, agus tha mu dhà fhichead 's a còig dhiubh sin fhathast nan seasamh, eadar sia troighean deug is ceithir troighean de dh' àirde.

Tha an cearcall ann an àite follaiseach air raon fhosgailte de mhòintich, agus tha e coltach gun robh e air a chuairteachadh aig beagan astair le sloc no clais, nach faicear ann an iomadh àite a-nis, coltach ri Stenneshouse ann an Arcaibh agus Stonehenge ann an Sasainn. Tha cuid den bheachd gur e àiteachan adhraidh a bha seo, air an togail leis na Lochlannaich, mar a chaidh innse ann an cuid den t-Seanchas Lochlannach; tha iomradh air teampall Thor mar chearcall de chlachan nan seasamh, agus clach sa mheadhan air a bheil clach Thor, far am biodh iad ag ìobradh no a' cur gu bàs

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cearcall Chalanais

1890an

Leòdhas; Ìnnse Gall; lochan; Beàrnaraigh; tursachan; draoidhean; teampaill; cearcaill; cearcall; Calanais; Stennes; Arcaibh; Stonehenge; Lochlannach; seanchas; adhradh; Thor; clachan; ìobradh; bàs

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> Aig ceann sàilean ann an Loch Bheàrnaraigh tha Cearcall nan Draoidhean de chlachan mòra, ann an cruth croise, ris an canar Cearcall Chalanais. Tha an teampall draoidheil seo am measg an fheadhainn as motha agus as iomlaine dhen t-seòrsa ann an Alba. Nuair a bha an teampall iomlan, bha trì fichead 's a còig de chlachan ann air fad, agus tha mu dhà fhichead 's a còig dhiubh sin fhathast nan seasamh, eadar sia troighean deug is ceithir troighean de dh' àirde.<br /> <br /> Tha an cearcall ann an àite follaiseach air raon fhosgailte de mhòintich, agus tha e coltach gun robh e air a chuairteachadh aig beagan astair le sloc no clais, nach faicear ann an iomadh àite a-nis, coltach ri Stenneshouse ann an Arcaibh agus Stonehenge ann an Sasainn. Tha cuid den bheachd gur e àiteachan adhraidh a bha seo, air an togail leis na Lochlannaich, mar a chaidh innse ann an cuid den t-Seanchas Lochlannach; tha iomradh air teampall Thor mar chearcall de chlachan nan seasamh, agus clach sa mheadhan air a bheil clach Thor, far am biodh iad ag ìobradh no a' cur gu bàs