Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Croit ann an Uibhist a Tuath
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6394
ÀITE
Uibhist a Tuath
SGÌRE
Uibhist a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Tuath
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29628
KEYWORDS
Uibhist a Tuath
croitean
croitearan
eileanan
ceilp
gnìomhachas
bàillidhean
taighean
taigh-còmhnaidh
màl
North Uist Croft

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

Tha na croitean air feadh nan eilean seo glè bhochd a thaobh na talmhainn, agus chan eil idir gu leòr ann airson beò-shlaint nan daoine. Tha gnìomhachas na feamad no na ceilp, anns a bheil òg is sean an-sàs, a' cuideachadh gu mòr, ach chan eil na daoine a' cosnadh às na dh'fhaodadh iad oir feumaidh iad reic fhàgail an urra ris a' mhaor, duine a bhios a' toirt dìreach £2 an tunna do na daoine fhad 's a bhios e fhèin ga reic air £3 is10 tasdain an tunna. Tha an diofar sa phrìs air a mheas na fheum dha gus an coisinn e air ais na rinn e de dh' obair, suim a tha glè mhath nuair a smaoinicheas tu na bha luchd bàta a' cosg.

Tha taighean nan croitearan an Uibhist a Tuath sgapte ri cladaichean lochan an eilein, agus, fhad 's a tha na taighean-còmhnaidh bunaiteach seo a' coimhead glè tharraingeach air latha brèagha samhraidh, tha e gu math eadar-dhealaichte a bhith a' cur seachad fad na bliadhna ann am fear dhiubh, agus a' dèanamh beò-shlaint agus a' pàigheadh màl cuideachd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Croit ann an Uibhist a Tuath

INBHIR NIS: Uibhist a Tuath

1890an

Uibhist a Tuath; croitean; croitearan; eileanan; ceilp; gnìomhachas; bàillidhean; taighean; taigh-còmhnaidh; màl

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> Tha na croitean air feadh nan eilean seo glè bhochd a thaobh na talmhainn, agus chan eil idir gu leòr ann airson beò-shlaint nan daoine. Tha gnìomhachas na feamad no na ceilp, anns a bheil òg is sean an-sàs, a' cuideachadh gu mòr, ach chan eil na daoine a' cosnadh às na dh'fhaodadh iad oir feumaidh iad reic fhàgail an urra ris a' mhaor, duine a bhios a' toirt dìreach £2 an tunna do na daoine fhad 's a bhios e fhèin ga reic air £3 is10 tasdain an tunna. Tha an diofar sa phrìs air a mheas na fheum dha gus an coisinn e air ais na rinn e de dh' obair, suim a tha glè mhath nuair a smaoinicheas tu na bha luchd bàta a' cosg.<br /> <br /> Tha taighean nan croitearan an Uibhist a Tuath sgapte ri cladaichean lochan an eilein, agus, fhad 's a tha na taighean-còmhnaidh bunaiteach seo a' coimhead glè tharraingeach air latha brèagha samhraidh, tha e gu math eadar-dhealaichte a bhith a' cur seachad fad na bliadhna ann am fear dhiubh, agus a' dèanamh beò-shlaint agus a' pàigheadh màl cuideachd