Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh farsaing air Uibhist a Tuath
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6395
ÀITE
Uibhist a Tuath
SGÌRE
Uibhist a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Tuath
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29629
KEYWORDS
Uibhist
caolais
Na Hearadh
Beinn Lì
an t-Eilean Fada
bàigh
ceilp
feamainn
General View of North Uist

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

Taobh thall Caolas na Hearadh tha Uibhist a Tuath na laighe, agus nuair a chithear sealladh farsaing air bho Bheinn Lì, tha e gu tur diofraichte on Eilean Fhada oir, ann an Uibhist a Tuath tha am fearann ìseal, dorcha, letheach fon mhuir air a bhriseadh suas le caolais na mara air a h-uile taobh; gu dearbh tha na linneachan seo cho doirbh 's gun dèidheadh duine nach robh eòlach ann am bàta beag buileach air chall sna cuairtean ioma-shligheach, claiseach a th' annta. Air tràighean nan sàilean caola seo, a tha coltach ri aibhnichean, ach far a bheil a' mhuir a' lìonadh 's a' tràghadh, bidh daoine a' cruinneachadh am beul na h-oidhche a' togail feamainn a loisgeas iad gus ceilp a dhèanamh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh farsaing air Uibhist a Tuath

INBHIR NIS: Uibhist a Tuath

1890an

Uibhist; caolais; Na Hearadh; Beinn Lì; an t-Eilean Fada; bàigh; ceilp; feamainn

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> Taobh thall Caolas na Hearadh tha Uibhist a Tuath na laighe, agus nuair a chithear sealladh farsaing air bho Bheinn Lì, tha e gu tur diofraichte on Eilean Fhada oir, ann an Uibhist a Tuath tha am fearann ìseal, dorcha, letheach fon mhuir air a bhriseadh suas le caolais na mara air a h-uile taobh; gu dearbh tha na linneachan seo cho doirbh 's gun dèidheadh duine nach robh eòlach ann am bàta beag buileach air chall sna cuairtean ioma-shligheach, claiseach a th' annta. Air tràighean nan sàilean caola seo, a tha coltach ri aibhnichean, ach far a bheil a' mhuir a' lìonadh 's a' tràghadh, bidh daoine a' cruinneachadh am beul na h-oidhche a' togail feamainn a loisgeas iad gus ceilp a dhèanamh