Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Laimrig a' Phrionnsa Theàrlaich, Uibhist a Deas
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6402
ÀITE
Èirisgeidh
SGÌRE
Uibhist a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Deas
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29635
KEYWORDS
eileanan
Prionnsa Teàrlach
Eirisgeidh
soithichean
Doutelle
blàir
Cùil Lodair
Eilean Fada
Uibhist a Deas
Clann Ràghnaill
Hiort
Dòmhnallach
MacLeòid
Beinn Mhòr
Prince Charlie's Landing, South Uist

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

Tha an t-eilean seo, barrachd air eilean sam bith eile, air a cheangal ri làithean dòrainneach a' Phrionnsa Theàrlaich. Dhan taobh a deas agus air a sgaradh bho chèile le caolas a tha dìreach leth mhìle a leud, tha eilean beag Èirisgeidh, far an deach am Prionnsa air tìr greiseag on long-chogaidh an "Doutelle," air a rathad air ais a dh' Alba gus a chrùn a thogail, rud a bha e am beachd a bha còir aige. Taobh a-staigh bliadhna, tha e air ais a-rithist agus a dhùil air chall. An dèidh Blàr Chuil Lodair, agus air dha a rathad a dhèanamh sàbhailte air ais don Chost an iar, chaidh e air bòrd soithich gu ruig an Eilein Fhada. Chuir droch ghaothan, stoirmean agus brisidhean dùil de gach seòrsa, agus cruaidh-chàs ris nach robh e idir cleachdte, am Prionnsa bho àite gu àite san eilean agus san sgìre sin gus an do ràinig e Uibhist a Deas far an deach a thoirt a-steach le Clann Ràghnaill, a bha dìleas dha, na thrioblaidean. Mura b' e cho dìleas 's a bha beagan dhaoine, cha ghabhadh e bhith air a chumail sàbhailte le mar a bha buidhnean siridh, an dèidh a dhol cho fad air falbh ri Hiort ga lorg, a-nis air tighinn air tìr an Uibhist a Deas agus bha còmhla riutha a-nis Clann 'IcLeòid agus Clann Dòmhnaill, cinn-chinnidh a bha air seasamh neo-cheangailte bhuaithe, ach a bha a-nis gu math fada an-aghaidh a' Phrionnsa bhochd. Le dà mhìle neach ga shireadh gu h-èasgaidh an taobh a-staigh an eilein, agus a thràighean air a chuairteachadh le bàtaichean-cogaidh agus bàtaichean beaga armaichte agus an leithid, cha shaoileadh tu gun robh dòigh air faighinn às; agus 's beag an t-iongnadh ged a tharraing e gu sliabh garbh na Beinne Mòire gus fasgadh a lorg, far an robh e am falach sna cùiltean dorcha, creagach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Laimrig a' Phrionnsa Theàrlaich, Uibhist a Deas

INBHIR NIS: Uibhist a Deas

1890an

eileanan; Prionnsa Teàrlach; Eirisgeidh; soithichean; Doutelle; blàir; Cùil Lodair; Eilean Fada; Uibhist a Deas; Clann Ràghnaill; Hiort; Dòmhnallach; MacLeòid; Beinn Mhòr

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> Tha an t-eilean seo, barrachd air eilean sam bith eile, air a cheangal ri làithean dòrainneach a' Phrionnsa Theàrlaich. Dhan taobh a deas agus air a sgaradh bho chèile le caolas a tha dìreach leth mhìle a leud, tha eilean beag Èirisgeidh, far an deach am Prionnsa air tìr greiseag on long-chogaidh an "Doutelle," air a rathad air ais a dh' Alba gus a chrùn a thogail, rud a bha e am beachd a bha còir aige. Taobh a-staigh bliadhna, tha e air ais a-rithist agus a dhùil air chall. An dèidh Blàr Chuil Lodair, agus air dha a rathad a dhèanamh sàbhailte air ais don Chost an iar, chaidh e air bòrd soithich gu ruig an Eilein Fhada. Chuir droch ghaothan, stoirmean agus brisidhean dùil de gach seòrsa, agus cruaidh-chàs ris nach robh e idir cleachdte, am Prionnsa bho àite gu àite san eilean agus san sgìre sin gus an do ràinig e Uibhist a Deas far an deach a thoirt a-steach le Clann Ràghnaill, a bha dìleas dha, na thrioblaidean. Mura b' e cho dìleas 's a bha beagan dhaoine, cha ghabhadh e bhith air a chumail sàbhailte le mar a bha buidhnean siridh, an dèidh a dhol cho fad air falbh ri Hiort ga lorg, a-nis air tighinn air tìr an Uibhist a Deas agus bha còmhla riutha a-nis Clann 'IcLeòid agus Clann Dòmhnaill, cinn-chinnidh a bha air seasamh neo-cheangailte bhuaithe, ach a bha a-nis gu math fada an-aghaidh a' Phrionnsa bhochd. Le dà mhìle neach ga shireadh gu h-èasgaidh an taobh a-staigh an eilein, agus a thràighean air a chuairteachadh le bàtaichean-cogaidh agus bàtaichean beaga armaichte agus an leithid, cha shaoileadh tu gun robh dòigh air faighinn às; agus 's beag an t-iongnadh ged a tharraing e gu sliabh garbh na Beinne Mòire gus fasgadh a lorg, far an robh e am falach sna cùiltean dorcha, creagach