Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Hiort agus Stac Lì
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6410
ÀITE
Hiort
SGÌRE
Na Hearadh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na Hearadh
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29640
KEYWORDS
eileanan
stacan
Leòdhas
Loch nam Madadh
Uibhist a Tuath
An Cuan Siar
tràghannan
St. Kilda and Stack Lee

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

A' dol an iar thuath 's a bhith tuath, tha Eilean Hiort, an t-eilean as iomallaiche agus is dòcha as duilghe ruigsinn de na h-eileanan ann am Breatainn. Tha e trì fichead mìle an iar air tir-mòr Leòdhais, agus seachd fichead no ceud isdà fhichead mìle bhon àite as fhaisge air tir-mòr Alba. Uaireannan, as t-samhradh bidh stiomairean, a bhios gu cunbhalach a' dol gu Loch nam Madadh agus Uibhist a Tuath, a' dol air chuairt ann, ach tha iad ainneamh is neo-chinnteach. Tha Hiort, cho iomallach bhon t-saoghal a-muigh, na laighe san fharsaingeachd aonaranach sa Chuan Shiar a Tuath, agus ged nach eil e àrd gu leòr airson a bhith na rud mòr-dhealbhach am meadhan a' chuain mhòir, tha rudeigin san ainm fhèin aig Hiort a tha a' brosnachadh dùil.

Tha an t-eilean mu thrì mìle a dh' fhaid is faisg air dà mhìle aig a' phàirt as leatha. Air an taobh an earra-dheas tha bàgh ann a tha mu leth-mhìle de leud agus de dhoimhneachd, an tìr a' teàrnadh thuige ann an leitir chas agus a' tighinn gu crìch ann an aon àite ann an tràigh chlachach is ghaineimh agus ann an àit' eile sna creagan ìseal sgeilpeach a tha a' cruthachadh na laimrig a tha faisg air a' bhaile

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Hiort agus Stac Lì

INBHIR NIS: Na Hearadh

1890an

eileanan; stacan; Leòdhas; Loch nam Madadh; Uibhist a Tuath; An Cuan Siar; tràghannan

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> A' dol an iar thuath 's a bhith tuath, tha Eilean Hiort, an t-eilean as iomallaiche agus is dòcha as duilghe ruigsinn de na h-eileanan ann am Breatainn. Tha e trì fichead mìle an iar air tir-mòr Leòdhais, agus seachd fichead no ceud isdà fhichead mìle bhon àite as fhaisge air tir-mòr Alba. Uaireannan, as t-samhradh bidh stiomairean, a bhios gu cunbhalach a' dol gu Loch nam Madadh agus Uibhist a Tuath, a' dol air chuairt ann, ach tha iad ainneamh is neo-chinnteach. Tha Hiort, cho iomallach bhon t-saoghal a-muigh, na laighe san fharsaingeachd aonaranach sa Chuan Shiar a Tuath, agus ged nach eil e àrd gu leòr airson a bhith na rud mòr-dhealbhach am meadhan a' chuain mhòir, tha rudeigin san ainm fhèin aig Hiort a tha a' brosnachadh dùil. <br /> <br /> Tha an t-eilean mu thrì mìle a dh' fhaid is faisg air dà mhìle aig a' phàirt as leatha. Air an taobh an earra-dheas tha bàgh ann a tha mu leth-mhìle de leud agus de dhoimhneachd, an tìr a' teàrnadh thuige ann an leitir chas agus a' tighinn gu crìch ann an aon àite ann an tràigh chlachach is ghaineimh agus ann an àit' eile sna creagan ìseal sgeilpeach a tha a' cruthachadh na laimrig a tha faisg air a' bhaile