Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' sealg nam Fulmair, Hiort
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6414
ÀITE
Hiort
SGÌRE
Na Hearadh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na Hearadh
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29644
KEYWORDS
eileanan
eòin mara
fulmairean
ola
sùlairean
aotramain
Hunting Fulmar, St. Kilda

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

'S e glacadh nam fulmairean an tachartas as motha san t-seusan. Tha an t-eun ceangailte a-mhàin ri Hiort, cho fad 's a tha gnothach aig duine ann am Breatainn ris, agus de na mìltean de dh' eòin a bhios a' fuireach agus a' togail an àil air an eilean, 's iad as luachmhoire do mhuinntir Hiort. Tha e na chleachdadh aca a bhith a' glacadh nan eun dìreach mus bi na h-iseanan deiseil airson sgiathalaich; agus sa ghlacadh seo tha feum air fìor sgiobaltachd làimhe oir, ma thig iad air na h-eòin gun fhiosda, 's nach do ghlac is nach do thachd iad iad sa chiad ghrèim, bidh na h-eòin anns a' bhad a' dìobhairt air a' ghlacadair an rud a tha cho prìseil do mhuinntir Hiort - an ola. Bidh iad a' togail seo bhon eun aig àm nas freagarraiche agus bidh iad ga ghlèidheadh ann an aotromain dèanta le mionaich nan sùlairean a tha cho pailt air an eilean aca

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' sealg nam Fulmair, Hiort

INBHIR NIS: Na Hearadh

1890an

eileanan; eòin mara; fulmairean; ola; sùlairean; aotramain

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> 'S e glacadh nam fulmairean an tachartas as motha san t-seusan. Tha an t-eun ceangailte a-mhàin ri Hiort, cho fad 's a tha gnothach aig duine ann am Breatainn ris, agus de na mìltean de dh' eòin a bhios a' fuireach agus a' togail an àil air an eilean, 's iad as luachmhoire do mhuinntir Hiort. Tha e na chleachdadh aca a bhith a' glacadh nan eun dìreach mus bi na h-iseanan deiseil airson sgiathalaich; agus sa ghlacadh seo tha feum air fìor sgiobaltachd làimhe oir, ma thig iad air na h-eòin gun fhiosda, 's nach do ghlac is nach do thachd iad iad sa chiad ghrèim, bidh na h-eòin anns a' bhad a' dìobhairt air a' ghlacadair an rud a tha cho prìseil do mhuinntir Hiort - an ola. Bidh iad a' togail seo bhon eun aig àm nas freagarraiche agus bidh iad ga ghlèidheadh ann an aotromain dèanta le mionaich nan sùlairean a tha cho pailt air an eilean aca