Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cost an Iar, Hiort
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6416
ÀITE
Hiort
SGÌRE
Na Hearadh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na Hearadh
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29646
KEYWORDS
eileanan
sgòrran
eòin-mhara
fulmairean
ròpan gaoiseid
sreap chreagan
West Coast, St. Kilda

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

Air taobh an iar an eilein, tha na sgòrran fìor uasal, agus tha e na chùis iongantais mar a tha iad a' glacadh nan eun bho ionadan a shaoileadh tu nach gabhadh iad idir an ruigsinn. Tha na creagan air a bheil na neadan air an roinn a-mach eadar na teaghlaichean - a chionn 's ged a tha e na chleachdadh aca a bhith ag obair còmhla gu math a h-uile duine, tha grùnn theaghlaichean ann, far a bheil mic inbheach, leis am b' fheàrr a bhith ag obair gu h-eisimeileach agus a bhios a' fuireach sa chuibhreann sgòrra aca fhèin. Ach a-mhàin ann an suidheachadh mar seo, cha ghabhadh e idir a dhèanamh leis cho doirbh 's a tha e a' faighinn gu na h-eòin. Tha e cudromach gum bi dhà, no barrachd, de shreapadairean ceangailte ri chèile le na sìomanan gaoiseid ainmeil aca a chionn 's, nan deaghadh aon duine leis a' chreig, gum bi dòchas ann gum fuirich na daoine eile a tha ceangailte gun tuiteam. Glè thric, bidh na h-eòin air an tilgeil bho na sgòrran a-steach dhan mhuir far an tog buidheann ann am bàta iad

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cost an Iar, Hiort

INBHIR NIS: Na Hearadh

1890an

eileanan; sgòrran; eòin-mhara; fulmairean; ròpan gaoiseid; sreap chreagan

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> Air taobh an iar an eilein, tha na sgòrran fìor uasal, agus tha e na chùis iongantais mar a tha iad a' glacadh nan eun bho ionadan a shaoileadh tu nach gabhadh iad idir an ruigsinn. Tha na creagan air a bheil na neadan air an roinn a-mach eadar na teaghlaichean - a chionn 's ged a tha e na chleachdadh aca a bhith ag obair còmhla gu math a h-uile duine, tha grùnn theaghlaichean ann, far a bheil mic inbheach, leis am b' fheàrr a bhith ag obair gu h-eisimeileach agus a bhios a' fuireach sa chuibhreann sgòrra aca fhèin. Ach a-mhàin ann an suidheachadh mar seo, cha ghabhadh e idir a dhèanamh leis cho doirbh 's a tha e a' faighinn gu na h-eòin. Tha e cudromach gum bi dhà, no barrachd, de shreapadairean ceangailte ri chèile le na sìomanan gaoiseid ainmeil aca a chionn 's, nan deaghadh aon duine leis a' chreig, gum bi dòchas ann gum fuirich na daoine eile a tha ceangailte gun tuiteam. Glè thric, bidh na h-eòin air an tilgeil bho na sgòrran a-steach dhan mhuir far an tog buidheann ann am bàta iad