Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' roinn nam Fulmairean, Hiort
EXTERNAL ID
PC_PRISCUS_WCS6417
ÀITE
Hiort
SGÌRE
Na Hearadh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na Hearadh
LINN
1890an
CRUTHADAIR
George Washington Wilson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Mark Butterworth - Priscus
AITHNEACHADH MAOINE
29647
KEYWORDS
eòin-mhara
fulmairean
eileanan
Dividing Fulmars, St. Kilda

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.

Bidh mnathan is clann a' cuideachadh le bhith a' cruinneachadh nan eun, bhon àite air an tig iad gu tìr air neo bho àiteachan nas fhasa a ruigsinn, agus tha e air a mheas na mhaslachadh do na fir a bhith a' gabhail pàirt san obair seo. Ach bidh dithis de na fir as sine agus as urramaiche a' roinn nan eun. An toiseach tha iad air an roinn ann an dà chàrn, càrn de na h-eòin as fheàrr agus càrn eile de na h-eòin nach eil cho math. Bidh iad an uair sin gan roinn ann an aon àireamh de thiùrran 's a tha de theaghlaichean air an eilean - san dòigh seo : dà eun bhon chàrn as fheàrr bhon aon duine agus a dhà bhon chàrn eile leis an dàrna duine, agus air an tilgeil do gach tiùrr mu seach gus am bi iad uile air an roinn a-mach, agus an uair sin cò dha a thèid gach tiùrr air a thaghadh le crann taghaidh - gus nach bi taobh sam bith san taghadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' roinn nam Fulmairean, Hiort

INBHIR NIS: Na Hearadh

1890an

eòin-mhara; fulmairean; eileanan

Mark Butterworth - Priscus

Imaging the Past

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.<br /> <br /> Bidh mnathan is clann a' cuideachadh le bhith a' cruinneachadh nan eun, bhon àite air an tig iad gu tìr air neo bho àiteachan nas fhasa a ruigsinn, agus tha e air a mheas na mhaslachadh do na fir a bhith a' gabhail pàirt san obair seo. Ach bidh dithis de na fir as sine agus as urramaiche a' roinn nan eun. An toiseach tha iad air an roinn ann an dà chàrn, càrn de na h-eòin as fheàrr agus càrn eile de na h-eòin nach eil cho math. Bidh iad an uair sin gan roinn ann an aon àireamh de thiùrran 's a tha de theaghlaichean air an eilean - san dòigh seo : dà eun bhon chàrn as fheàrr bhon aon duine agus a dhà bhon chàrn eile leis an dàrna duine, agus air an tilgeil do gach tiùrr mu seach gus am bi iad uile air an roinn a-mach, agus an uair sin cò dha a thèid gach tiùrr air a thaghadh le crann taghaidh - gus nach bi taobh sam bith san taghadh