Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mìlseanan aig Taigh am Bun Chraobh, 1994
Mìlseanan aig Taigh am Bun Chraobh, 1994
EXTERNAL ID
PC_PUDDINGCLUB_04
ÀITE
Bun Chraobh
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Sgìre Mhoire
DEIT
1994
LINN
1990an
CRUTHADAIR
Norman Newton/Peter Reynolds
NEACH-FIOSRACHAIDH
Bob Steward
AITHNEACHADH MAOINE
29652
KEYWORDS
ithe
biadh
mìlseanan
taighean-bìdh
Puddings at Bunchrew House, 1994

Tha an dealbh seo a' sealltainn cuid dhe na bha air a' chlàr-bhìdh air cruinneachadh de Chomann Gàidhealach nam Mìlsean. An turas seo, thàinig na buill còmhla aig Taigh Bun Chraobh, faisg air Inbhir Nis, agus ghabh iad diathad de dh'ochd earrannan, eadar a' chiad earrann (brot), Mìlsean Ruma le Sabhs nan Siris Searbh, Traidhfeal le Dram Buidhe, Meireangan Cofaidh le Uachdar le Uisge-beatha, Mìlsean Seòclaid Teth, Ceic-càise le Measan Tropaigeach, Plumbaisean ann am Portair, agus Paidh Apfelstreusel.

Chumadh a' chiad choinneamh de Chomann Gàidhealach nam Mìlsean air 22 Iuchair 1992 aig an 'Longhouse Restaurant' ann an Inbhir Narann. Bha cha mhòr deichnear air fhichead an làthair do dh'fheasgar de mhìlseanan is de mhìlseagan, a thuilleadh air farpaisean is farpaisean-cheistean a bha ceangailte ri mìlseanan. Bho sin, choinnich buill a' chlub gu cunbhalach ann an taighean-bìdh anns an robh còcairean a bha ainmeil air mìlseanan a dhèanamh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mìlseanan aig Taigh am Bun Chraobh, 1994<br /> Mìlseanan aig Taigh am Bun Chraobh, 1994

INBHIR NIS: Sgìre Mhoire

1990an

ithe; biadh; mìlseanan; taighean-bìdh

Bob Steward

Tha an dealbh seo a' sealltainn cuid dhe na bha air a' chlàr-bhìdh air cruinneachadh de Chomann Gàidhealach nam Mìlsean. An turas seo, thàinig na buill còmhla aig Taigh Bun Chraobh, faisg air Inbhir Nis, agus ghabh iad diathad de dh'ochd earrannan, eadar a' chiad earrann (brot), Mìlsean Ruma le Sabhs nan Siris Searbh, Traidhfeal le Dram Buidhe, Meireangan Cofaidh le Uachdar le Uisge-beatha, Mìlsean Seòclaid Teth, Ceic-càise le Measan Tropaigeach, Plumbaisean ann am Portair, agus Paidh Apfelstreusel.<br /> <br /> Chumadh a' chiad choinneamh de Chomann Gàidhealach nam Mìlsean air 22 Iuchair 1992 aig an 'Longhouse Restaurant' ann an Inbhir Narann. Bha cha mhòr deichnear air fhichead an làthair do dh'fheasgar de mhìlseanan is de mhìlseagan, a thuilleadh air farpaisean is farpaisean-cheistean a bha ceangailte ri mìlseanan. Bho sin, choinnich buill a' chlub gu cunbhalach ann an taighean-bìdh anns an robh còcairean a bha ainmeil air mìlseanan a dhèanamh